Port Làirge
Port Láirge
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Èirinn | ||||
Ceàrn | Cúige Mumhan | ||||
Sgìre | Contae Phort Láirge | ||||
Co-chomharran | 51° 15 24 Tuath 07° 07 45 Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 41.58 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 53,504 (2016) | ||||
Dlùths | 1,286.77/km² | ||||
Àireamh fòn | +353-(0)51 | ||||
Duilleag oifigeil | Comhairle a' Bhaile |
'S e baile mòr agus port cudromach air an àirde an ear Chontae Phort Láirge, Cúige Mumhan, Èirinn a th' ann am Port Láirge.[1] Tha e suidhichte ri taobh Abhainn na Siúire,[2] aig Loch Dá Chaoch (Cuan Phort Láirge) faisg air Comar an Trì Uisge (Gaeilge: Cumar na dTrí Uisce) far am bith An Fheoir agus An Bhearú a’ tighinn ri chèile. Tha am baile fhèin 103km air falbh bho Chorcaigh, 305km bho Dhoire, 172km bho Ghaillimh agus 133km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e a’ chiad chathair a bhith ga stèidheachadh ann an Èirinn, agus an còigeamh baile as motha na dùthcha air fad a th' ann Port Láirge. Stèidhich na Lochlannaich baile beag an seo ann an 853, ach chuireadh ruaig orra ann an 902.[4] Bha am baile an sàs ann an Caidreachas Chille Chainnigh bho 1642 gu ruige 1649.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Baile an Naoimh Eòin (Canada)
- Rochester (Eabhraig Nuadh)[5]
- Sant Ervlan (A' Bhreatainn Bheag)
- Waterford (Conneticut)[6]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Luke Wadding (1588 – 1657) Friar agus eachdraiche.
- William Vincent Wallace (1812 – 1865) sgrìobhaiche-ciùil.
- Brendan Bowyer (1938 – 2020) Ceòladair.
- Val Doonican (1927 – 2015) Siamsóir.
- Canon Patrick Power (1862 – 1955) Eachdraiche.