Pointe-à-Pitre

O Uicipeid
Pointe-à-Pitre
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Fhraing
Ceàrn Guadeloupe
Sgìre Pointe à Pitre
Co-chomharran 61° 53’ Tuath
16° 24′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2.26 km²
Àireamh-shluaigh 17,362 (2008)
Dlùths 7,682.3/km²
Àireamh fòn + 590
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e port[1] agus baile meadhanach na Fraingeann an Guadeloupe, thall anns a’ Mhuir Cairibianach, a th’ ann Pointe à Pitre (IPA: pwɛ̃tapitʁ, Creole: Lapwent, lapwɛ̃t). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1764 le Gabriel de Clieu, riaghladair an eilein aig an àm. Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara[2] 546km air falbh bho San Juan agus 6,752km bho Pharis, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 17,541 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, agus 171,362 anns an sgìre air fad.[4] Tha gnothaichean turasachd agus gnìomhachas a’ phuirt gu math làidir an seo,[5] a bharrachd air an àiteachais, gu seachd àraidh banana, cofaidh, siùcar agus còco. ‘S ann às an fhacal Spàinntis Pitera[6] (Agave) a thàing an t-ainm Pointe à Pitre. Le sin, tha an t-ainm a’ ciallachadh Rubha Agave.

Cruinn-eòlas agus Gnàth-shìde[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Pointe-à-Pitre air an àirde an iar-dheas an eilein Grande-Terre, ri beulaibh na Mara Chairibianaich, ann an àite spaideil ann am meadhan Ghuadeloupe, dìreach ri taobh na h-aibhne Salée (Fraingis: Saillte), eadar Grande-Terre agus Basse-Terre Island. Tha trì bailtean eile mu thimcheall Pointe-à-Pitre: Les Abymes, Baie-Mahault agus Le Gosier. Tha Pointe-à-Pitre fhèin suidhichte air binnean chloich-aoil, le deagh bhàigh ris a bheulaibh, Petit Cul-de-Sac Marin.

Mar iomadach baile air an àirde an ear A’ Chairibian, bidh an t-uisge a’ dòrtadh os cionn Phointe-à-Pitre gu cunbhalach tron bhliadhna, ged am bidh e nas fhliche eadar An t-Iuchar agus An t-Samhain, nuair a bhios stoirmean mòra ann. Gheibh am baile 1500mm –2000mm dhe uisge gach bliadhna. Tha e gu math teth, le teodhachd mheadhanach dhe mu 32 °C fad an latha agus 20 °C fad na h-oidhche.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. World Port Source
  2. Mongabay
  3. Distance Calculator
  4. Cunntas-sluaigh na Frainge
  5. Kalmarind
  6. Real Academia de la Lengua