Peter Krasnow
| Peter Krasnow | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Novohrad-Volynskyi, 20 dhen Lùnastal 1886 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Los Angeles, 30 dhen Dàmhair 1979 |
| Foghlam | |
| Foghlam |
School of the Art Institute of Chicago (en) |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | peantair, snaidheadair agus dealbhadair grafaigeach |
| Àitichean-obrach | Los Angeles |
B' e dealbhadair grafaigeach, peantair agus cruth-ealantair dathaiche, eas-chruthach Ucràineach/Aimearaganach a dhèanadh fòcas air cuspairean Iùdhach a bh' ann am Peter Krasnow (ainm-breithe: Feivish Reisberg, Ucràinis: Петро Краснов, Eabhra: פיטר קרסנוב, Novohrad-Volynskyi, 20 an Lùnastal 1886 - Los Angeles, 30 an Dàmhair 1979).[1] Bhuinneadh e do theaghlach Iùdhach àbhaisteach: bha athair na sgeadaiche agus rinn Krasnow preantasachd fodha, an dèidh na sgoile. Rinn e imrich dha na Stàitean ann an 1907 agus thug e ceum ann an ealain às an Art Institute of Chicago ann an 1916.[2] Thog e taigh san sgìre Atwater Village an Los Angeles, far an robh e na thàmh gus a chaochail e. 'S ann an an taigh-tasgaidh ann an Laguna Beach, far a chithear còrr is 500 obraichean a rinn Krasnow.[3]