Oviedo
Oviedo Uviéu
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Asturias | ||||
Sgìre | Asturias | ||||
Co-chomharran | 43° 21′ 45″ Tuath 05° 51′ 01″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 186.65 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 223,765 (2014) | ||||
Dlùths | 1,198.85/km² | ||||
Àireamh fòn | 98 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e baile mòr faisg air Gijón ann an Asturias (An Spàinn) a th' ann an Oviedo (IPA: oˈβjeðo, Asturianis: Uviéu, Laideann: Ovetum). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 232m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Asturias fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 761. 'S e Asturianis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo. 'S e am seirbheisean agus an Riaghaltas ionadail a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 223,765 duine a' fuireach ann.[1]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm. Tha cuid ag ràdh gur ann à Urbs Vetus (seann bhaile) ann an Laideann a tha ainm a' bhaile. Tha feadhainn dhen bheachd gur e dìreach ovis (caora) agus etum (àite) a th' ann. Bheireadh sin Baile nan Caorach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an diugh. Thuirt Ramón Menéndez Pidal gur ann à Basgais no fiù 's Ceiltis a bh' ann. Tha teòiridh eile ann a chanas gur ann à ainm an Dia Iove a th' ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ann an 761. Thàinig an rèile - agus turasachd - ann an 1874.[2] Thuit am baile gu na Reubaltaich Faisisteach aig toiseach tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936. Chuairtich feachdan an Riaghaltais e fad trì mìosan. Chaidh còrr is dà mhìil saighdear a mharbhadh ann an sabaid.[3] Chaidh Oilthigh Oviedo a stèidheachadh an seo ann an 1602.[4] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936,[5] ged a bha an corr dhen roinne dealas dhan Phoblachd.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Oviedo .[6] Cha tuit ach 848mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 335mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn co-dhiù.