Jump to content

Ospadal Mackinnon Memorial

O Uicipeid
Ospadal Mackinnon Memorial anns an Àth Leathann

Theirear Ospadal Mackinnon Memorial no Ospadal an Àith Leathainn ris an ospadal a tha san Àth Leathann san Eilean Sgitheanach. Tha deichnear de luchd-obrach meadaigeach ag obair ann. Tha dùil gun téid ospadal nas motha a thogail san Àth Leathann a fhrithealas air an Eilean Sgitheanach gu léir, agus air Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois.[1][2]

Thòisich an ospadal ann an 1914 mar ospadal saor-thoileach.[3] Choisinn e cliù airson obair-lannsa ann an sgìre dhùthchail. Bha pàirt cudromach aig an lannsair John Ball. Bʼ ann san Ospadal Mackinnon Memorial a chaith e a chùrsa-obrach gu léir mar chonsultant, gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1999.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. BBC:Naidheachdan: Ospadal Ùr san Àth Leathann, 2014-12-02
  2. BBC:Naidheachdan: Co-dhùnadh air ospadal ùr an Eilein Sgitheanaich, 2015-01-11
  3. "The Hospitals of Skye". History of the Highland Hospitals. Retrieved 2014-07-13.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]