Oleg Timoshenko
Oleg Timoshenko | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Kreminna, 4 dhen Dùbhlachd 1932 |
Dùthaich |
An Ucràin An t-Aonadh Sobhiatach |
Bàs | An Eilbheis, 20 dhen Dùbhlachd 2010 |
Àite-adhlacaidh | Baikove Cemetery (en) |
Teaghlach | |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Petro Tchaikovsky National Music Academy of Ukraine (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | stiùiriche-ciùil |
Fastaichean | Petro Tchaikovsky National Music Academy of Ukraine (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
B' e ceòl-sgrìobhaiche agus neach-ealaine Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann an Oleg Semeyonovich Timoshenko (Ucràinis: Тимошенко Олег Семенович, IPA: ɔlɛg tɪmɔʃɛ'nkɔ, Kreminna 4 an Dùbhlachd 1932, An Eilbheis, 20 an Dùbhlachd, 2010). Bha e na oileanach san Cholaiste Ciùil Luhansk bho 1949 gu ruige 1953 agus an uair sin chaidh e dhan Chonservatoire ann an Kyiv (Ucràinis: Національна музична академія України імені Петра Чайковського), far an tug e ceum ann an 1960. Chuir e seachd trì bliadhna na neach-teagaisg agus na cheannard sa Cholaiste Ciùil Mykola Leontovich ann am Vinnytsia. Thill e dhan Chonservatoire ann an Kyiv ann an 1963, far an do dh' fhuirich e gu ruige 2004 agus esan na neach-òraide, na iar-reactar agus, mu dheireadh thall, na reactar fhèin fad 21 bliadhna. Chaidh a thaghadh na bhall Acadamaidh Nàiseanta Ealain na h-Ucràine (Ucràinis: Національної академії мистецтв України) ann an 1996.[1]