Odharan Mòr
Coltas
Odharan Mòr
| Ainm goirid | H. mantegazzianum |
|---|---|
| Ainm an tacsoin | Heracleum mantegazzianum |
| Rang an tacsoin | spèiseas |
| Pàrant an tacsoin | Heracleum |
| Ainm cumanta | Giant Hogweed |
| Inbhe gléidhteachais an IUCN | Dragh as Lugha |
| Duais a fhuair e | Lus puinnseanta na bliadhna |
| Gallda sgaoilteach sa sgìre | Aonadh Eòrpach, A' Ghearmailt |
| URL GRIN | https://npgsweb.ars-grin.gov/gringlobal/taxonomydetail.aspx?id=18896 |
Is e odharan mòr a theirear ri Heracleum mantegazzianum a tha na lus san teaghlach Apiaceae. Bidh e a' fàs mar as trice cho àrd ri 2 - 5.5 meatair (6 troigh 7 òirleach - 18 troigh 1 òirleach). Air a choltas, tha suaip aig an odharan mhòr ris an odharan (Heracleum sphondylium), ri Heracleum sosnowskyi no ri Angelica archangelica. Buinidh an t-odharan mòr don cheàrn Chabhcasach agus do mheadhan na h-Àisia, ach chaidh a thoirt a-steach do Bhreatann mar lus òrnaideach san 19mh linn.
Tha snodhach an odharain mhòir a' losgadh craiceann dhaoine agus ag adhbharachadh builgeanan, eàrran buan, agus doille - ma thig e an lùib nan sùilean.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]Ainmean Gàidhlig Lusan, Joan W. Clark and Ian MacDonald, 1999