Jump to content

O-bon

O Uicipeid
(Bhideo) Dannsa o-bon (お盆踊り) ann an Adachi-ku

Is e O-bon(お盆)fèis Iapanach a th' air a cumail, mar as trice, bhon 13mh latha chun an 15mh latha dhen Lùnastal.[1] Air an dà latha seo, bidh eaghlaichean a' fàilteachadh anaman an sinnsearan air ais don t-saoghal seo fhèin. Bidh mòran bhùthan agus chompanaidhean a' dùnadh, agus faodar smaoineachadh air an àm seo mar an saor-làithean samhraidh. Bidh muinntir na h-Iapain a' tilleadh dhachaigh, air neo a' falbh air chuairt don mhuir, do na beanntan no a-null thairis. Ged a bhios a h-uile modh-còmhdhail fìor thrang agus sluagh mòr sna stèiseanan-rèile agus sna puirt-adhair, bidh Tokyo a' mealtainn beagan sìthe is foise airson na greise bige seo. Aig baile, bidh luchd-na-fèise a' coimhead air dannsa traidiseanta, ris an abrar Bon-odori (盆踊り)no Dannsa Fèis nan Lòchran, agus air taisbeanaidhean mòra chleasan-teine.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. August”. Japan National Tourism Organization (JNTO). Air a thogail 13mh dhen Lùnasdal 2018.