Niall Iain Dòmhnallach

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Niall Iain Dòmhnallach
Beatha
Breith Obar Dheathain, 1974
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Acadamh Allt a' Mhuilinn
Dreuchd
Dreuchd camanaiche agus pearsa rèidio
Fastaichean BBC Scotland  (1998 -

'S e DJ a th' ann an Niall Iain Dòmhnallach air prògram rèidio ròc Gàidhlig, Rapal. 'S ann an Obar Dheathain a rugadh e ann an 1974 ach chuir e seachd a' chuid bu mhotha dhe a bheatha a' fuireach ann an Inbhir Nis, mus d’fhuair e obair air an rèidio. Thòisich e sna meadhanan ag obair air prògram Aileag ann an Steòrnabhagh ann an 1998. Ann an 2006, chaidh e an sàs ann an ullachadh a’ phrògram TBh., Rapal 360.

Anns a' Chèitein 2007, chaidh gairm a-mach bho Phoileas a' Chinn Thuath ga lorg. Chunnacas Niall Iain an turas mu dheireadh aig 2230 air 17mh den Chèitein ann an Steòrnabhagh ach bha aithris air fhaicinn air aiseag "Eilean Leòdhais" air an ath mhadainn. Fhuair iad esan air ais aig toiseach an Ògmhios.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]