Newton
'S e aonad forsa den SI a tha anns an Newton.
A rèir an 2na Lagh Newton,
Fòrsa = Màs x Ath-luathsachadh.
Is e a tha ann an Ath-luathasachadh, atharrachadh ann an luaths rè ùine.
Tomhaisear luaths le aonadan de meatairean anns an diog (m/s).
Mar sin, tomhaisear ath-luathsachadh (atharrachadh de luaths rè diog) an aonadan de (meatairean/diog)/diog (m/s/s).
Mìnicheadh[deasaich | deasaich an tùs]
'S e a tha ann an Newton:
Am Fòrsa a dh'aobhrachas: Ath-luathasadh de 1 metre/diog/diog, an rian na forsa, cho fàd 's a bhitheas e a gnàthadh air corp le màs de 1 Cilogram.
Eisimpleirean[deasaich | deasaich an tùs]
Tha an cuideam de ubhal le meall de 102 gram (1/9.8 kg) co-ionnan ri forsa de 1 Newton.
Cleachdadh air an Kilo-Newton (kN)[deasaich | deasaich an tùs]
Is e a tha ann an kilonewton (kN) forsa de 1,000 N. Cleachdar an aonad seo gu tric ann an gnìomhachas togail agus le luchd-innlichidh.
An Deca Newton (daN)[deasaich | deasaich an tùs]
Is aonad eu-cumanta a tha anns an decanewton. Comharraichte le daN tha e faisg air co-ionnan ri forsa cuideam chileagraim. Cleachdar e uairean an formulae empiriceal innleadaireachd. bu sònraichte an formulae airson bacadh mu choinneamh carbadan rathad-iarainn- a tha a measadh bacadh anns an aonad de decanewton per tonna (daN/T).