New Firm

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

'S e a th' anns an New Firm briathar a thathas a' toirt air a' chòmhstri eadar dà chlub buill-choise Albannach, Dùn Dèagh Aonaichte agus Obar Dheathain. Tha an t-ainm a' buntainn do na 1980an nuair a bha soirbheas mòr aig an dà chuid ann am ball-coise na h-Alba, air thoiseach air na dhà chlub Albannach a bu shuidhichte, Rangers agus Celtic, air a bheil an Old Firm.

Bhuannaich an dà sgioba Prìomh Roinn na h-Alba, agus ruig iad cuairtean-deireannach farpaisean na h-Eòrpa; b' e Obar Dheathain a ghlèidh Cupa Buannaichean-Cupa na h-Eòrpa fo stiùir Alex MacFhearghais, agus ruig Dùn Dèagh Aonaichte cuairt-dheireannach Cupa UEFA, fo stiùir Jim MacGilleEathain.

Bha an New Firm aig àirde an cumhachd eadar 1980 agus 1985. Ghlèidh Obar Dheathain Cupa Buannaichean-Cupa na h-Eòrpa, a' dèanamh a' chùis air Real Madrid 2-1, agus a thuilleadh air sin, bha an dà sgioba a' strì ris a chèile gus buaidh a' Phrìomh Roinn a thoirt a-mach. Bhuannaich Dùn Dèagh Aonaichte Prìomh Roinn na h-Alba ann an 1982-83 agus b'e Obar Dheathain a ghlèidh Cupa na h-Alba a' bhliadhna sin. An ath-ràith, b'e Obar Dheathain a-rithist a choisinn Prìomh Urram na h-Alba, agus cuideachd anns an ràith as dèidh sin, fhad 's a bha Aonaichte a' faighinn gu iar-chuairt dheireannach Cupa na h-Eòrpa.

Thòisich claonadh ann an soirbheas an dà chlub mu dheireadh nan 80an, le Rangers agus an uairsin Celtic a' faighinn làmh an uachdair a-rithist, an aon àite a bh' aca roimhe mus do bhrist an New Firm a-steach orra anns na h-ochdadan.