Jump to content

Naoise

O Uicipeid

'San Eòlas ùr-sgeulachd na h-Èireann, bha Naoise (no Noisiu) 'na mhac-peathar Rìgh Conchobhar na h-Uladh, agus mac Usnach (no Uisliu), sa' Chuairt na h-Uladh.

Nuair bha Deirdre air bhreith, dh'fhàisnich Cathbad an draoidh a bhitheadh i àlainn, ach bheireadh i na bàsan nam gaisgeach ainmeile na h-Uladh. Shocraich Conchobhar ga h-àrach ann an dealachadh, agus nuair bha i aig aois dhòigheil, phòsadh e i. Ge-tà, dh'fhàs Deirdre 'steach do rìbhinn àlainn, ged aonarach, agus choinnich i, ghabh gaol mòr air, agus ruith air falbh le Naoise, laoch, sealgair, is seinneadair òg brèagha, com-pàirtichte le a bhràithrean, Àrdan agus Ainle.

Mus a coinneachadh le Naoise:

"Aon là, choimhid Deirdre cho mharbh a h-altrach laogh a dh'ithe. Ruith an fhuil dearg glan 'san sneachda, agus chrom neabhan sìos.

"Nan robh ann fear cho dubh ris an neabhan sin, craiceann cho geal ris an sneachda sin, agus gruaigean cho dearg ris an fhuil sin, bu mhiann leam e phòsadh," thuirt Deirdre, ann an mar a bha 's dòcha 'n ciad nochdadh a dàrna lèirsinn.

"Th' ann fear den t-seòrsa," dh'fhreagair a bean-teagaisg, Leabharcham."

Theich iad a dh'Alba, ach ge be air bith càite thàinig iad dh'fheuchadh 'n rìgh dùthchail a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean is mar sin gabh Deirdre. Ri ùine thàinig iad gu stad aig eilean cian, far lorg na fir Chonchobhair iad. Chuir Conchobhar Fearghus mac Róich dhaibh le fios de seòladh sàbhailte dhachaigh. Bha Deirdre mì-earbsach dhiubh agus dh'fheuch i a thoirt rabhadh Naoise 'gus a bhràithrean, ach cha do chreid iad i agus chaidh i leotha gu h-aindeonach. Air an tilleadh dhan dh'Eamhain Mhacha bha Fearghus air thoirt ionnsaigh agus thug Conchobhar àithne a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean 's mar sin b' urrainn dha Deirdre phòsadh, ma le spàirn. Bha Fergus air a shàrachadh leis a' bhrath seo a ghealladh, 'gus chaidh e 'steach do fògradh sa' Chonnacht. Thug Deirdre ùthachd dhi fhèin, no, ann an seòrsachan nas fadalaiche na sgeulachd, bhàsaich i de bròn.

An Sgeul timcheall Deirdre