Jump to content

Fiosaig

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Nàdar-fheallsanachd)
Eòlas-nàdair, eisimpleirean às na roinnean diofraichte

'S e fiosag (no feallsanachd-nàdarra, no eòlas-nàdair) an saidheans nàdarrach a tha a' ceasnachadh riaghailtean bunaiteach an nàdair. Tha e a' rannsachadh co-phàirtean bunaiteach an nàdair agus nan eadar-obraichean orra. Tha e a' dèiligeadh ris na feartan agus ri giùlan stutha is lùiths ann am fànas is ann an tìde. Tha e a' dèiligeadh ri daineamaig fànais is tìde cuideachd. Bheirear iomradh air nàdar-fheallsanachd gu tric mar saidheans an nàdair neo-bheathail, an coimeas ri bith-eòlas, saidheans an nàdair bheathail.

Tha iomadh roinnean anns an saidheans seo. Tha feallsanaich-nàdurra air a bhi ri rannsachadh leantainneach bhon 17mh linn, nuair a rinn Isaac Newton cuid obair bunaiteach air feartan (no buaidhean) de solas.

Aonadan thomhais

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha aonadan-thomhais riatanach ri deuchainnean saidheansail. Is Système international d'unités neo SI an siostam-thomhais caighdeanachd de eòlas-nàdair anns an latha an diugh. Tha e stèidhichte air seachd bun-aonadan. Tha gach bun-aonad na h-aonad thomhais do bun-fheairt. Gabhar le àbhaisteas, gu bheil gach bun-fheart ann an seòlad neo-eisimeileachd fa-leth. Is iad na bun-fheartan: fàd, màs, tìm, teasad, srùth-dhealaineachd, àireamh agus soillearad. Is iad na bun-aonadan: meatair, cileagram, diog, Ceilbhin, Ampere, mòl, agus candela. Tha ainmean agus comharraidhean nan aonad aontaichte aig ìre eadar-nàiseanta, ach le àbhaisteas sgrìobhair ainmean nan aonad an aithisgean agus pàipearan a rèir na caighdeanan litrichidh daingnichte ri cànan an aithisg.

Is i seo an roinn de eòlas-nàdair a dhèiligeas le buaidhean de solas. Rinneadh an rannsachadh bunaiteach air an sgoil seo le am feallsanach ainmeil Sasunnach Sir Isaac Newton (1642–1727) rè an 17mh linn.

Dh'fhoillsich Newton tràctas-mòr "Opticks" air a' chùise seo anns a bhliadhna 1706 (Dearbh). Anns an tràctas sin chaidh ainmeachadh air agus mìneachadh de cuid math de "dlighean" optaig, bu sònraichte dlighean ath-tilgidh (le sgàthanan) agus dlighean ath-sgaraidh (le lionsan).

Nàdair de sholas

[deasaich | deasaich an tùs]

Cha robh nàdair de sholas cinnteach ri linn Newtoin. Bha cuid feallsanaich den bheachd gur e sruth de meanbh-chnapan a bha ann an gath-solais agus cuid den bheachd gu robh solas a' siubhal na tuinn. Tha fios againn anns an latha an diugh gu bheil nàdair de sruth de meanbh-chnapan (fotonan) agus gu bheil nàdair de tuinn ann an gath sholuis.

Co-ghluasad

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo an roinn de eòlas-nàdair a dhèiligeas le cnapan stuth fo bhuaidh cumhachdan-eiginn (no forsaichean). Tha co-gluasadan clasaigeach stèidhichte air trì dlighean a chaidh air ainmeachadh le Isaac Newton, mar àlach chanar "Na dlighean co-ghluasad Newtoin" dhaibh.

Ball de liosta àireamhaichte:

  1. A' chiad dlighe co-ghluasad de Newton

    "Is buadh do gach corp gun laighe e na fois neo gun cum e air, na shiubhal aig astar cunbhalach air rian direach mur a bi cumhachd-eiginn a' gnàthadh air."

  2. An dara dlighe co-gluasad de Newton

    "Nuair a bhios cumhachd-eiginn a' gnathadh air corp, bithidh luach an luathachaidh a rèir an fhorsa roinnte le a thomad." (Is àbhaist dhuinn a sgrìobh seo anns an cruth "Forsa = tomad x luathachadh")

  3. An treas dlighe co-gluasad de Newton

    "Ri gach iomain bacachd." No mar a sgrìobh Newton a fhèin "Actionem quod semper reactionem", a' ciallachadh nach bruth cumhachd-eiginn (forsa) air nì sam bith ach, an luib an ath-luathsachadh a tha aobharaichte air an cnap tomaid a tha ann leis a bhrùthadh bithidh an cnap a phutadh air ais (bacachd) an aghaidh am forsa iomain. (Dearbhar seo le deuchainn simplidh: prib balla agus goiteachar d' ordag).

Tha cosmeòlas a' toirt cunntas air nàdar a' chruinne-cè air fad agus air meudachdan mòra. Tha teòirig coitcheann na dàimheachd cudromach ann. Ann an 1931 mhol Georges Lemaître gun do thòisich an cruinne-cè ann am Brag Mòr.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Georges Lemaître, Father of the Big Bang”. American Museum of Natural History. Air a thogail 13mh dhen Ghiblean 2020.