Brag Mòr

O Uicipeid
Ìomhaigh Georges Lemaître is a' Bhraig Mhòir ann an Louvain-la-Neuve.

'S e teòirig a tha a' toirt modal de is cunntas air tùs an domhain a tha anns a' Bhrag Mòir.

Anns na 20an, lorg Edwin Hubble gun robh a h-uile reul-chrios a' dol air falbh aig luaths a bha cuideil ri astar. Ann an 1931 mhol Georges Lemaître gun do thòisich an domhan ann am Brag Mòr mar a bha fillte a-staigh sna tomhasan aig Hubble.[1]

A rèir na teòirige bi rèididheachd chosmaig meanbh-thuinn bho a h-uile cùrsa ann am fànas, an rèididheachd chosmaig chùlanach, air sgàth 's gun robh an domhan glè theth o thùs is e air fuarachadh mar a tha e ag atachadh. Ro-innis Robert Alpher seo ann an 1948 is lorg Arno Penzias is Robert Wilson le tuiteamas ann an 1965 e.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Georges Lemaître, Father of the Big Bang”. American Museum of Natural History. Air a thogail 13mh dhen Ghiblean 2020.
  2. Wollack, Edward J. (5mh dhen t-Sultain 2016): “Tests of Big Bang: The CMB”. NASA. Air a thogail 13mh dhen Ghiblean 2020.