Murchadh MacLeòid
Murchadh MacLeòid | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Griais, |
Dùthaich | Alba |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Obar Dheathain Oilthigh Chambridge |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgoilear, neach-teagaisg agus neach-sgrùdaidh sgoiltean an riaghaltais |
Bha Murchadh MacLeòid na thidsear, na fhear-sgrùdaidh sgoile Gàidhlig agus na ùghdar. Dh'aithnicheadh daoine e mar Murchadh HMI.[1]
A bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann à Griais ann an Leòdhas a bha Mgr. Murchadh MacLeòid.[2]
Bha e na oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain far an do rinn e ceum ann an Ceiltis is Laideann.[2] Fhuair e sgoilearachd bho Cholaiste Immanuel aig Oilthigh Chambridge.[2] Bha e na thidsear fad iomadh bliadhna, an toiseach a' teagaisg Gàidhlig agus Laideann ann an Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh.[1] An uair sin, bha e na Cheannard air a’ Ghàidhlig ann an sgoiltean air feadh aig seann Chomhairle Shiorrachd Inbhir Nis.[2][1] Bha e na fhear-sgrùdaidh Gàidhlig fad fichead bliadhna bho 1969-1989 ann an sgoiltean na h-Alba.[3][4]
Mar ùghdar, dh'fhoillsich e leabhraichean teagaisg do cloinne le Gàidhlig agus do luchd-ionnsachaidh.
Bha e na bhall dhen chiad fho-chomataidh 'GOC'.[5]
Ann an 2009, rinn Radio nan Gaidheal sreath de 6 prògraman mu a bheatha leis an tiotal 'Murchadh HMI'.[3] Cuideachd ann an 2009, choisinn e duais 'Sàr-Ghaidheal' bho Sabhal Mòr Ostaig.[2] Bha e cuideachd na Cheann-feadhna agus leabharlannaiche urramach aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.[2]
Chaochail e ann an 2013 aig aois 83.[1]
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- MacLeòid, Murchadh. (1962) Làithean Geala Glaschu: Oilthigh Obair Dheadhain. (Sreath na Sgoile - Leabhar 1. Fo stiùireadh Ruairidh MhicThómais)
- (1972: air ath-chlò-bhualadh) "Làithean Geala" Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, Roinn nan Cànanan Ceilteach.
- Leabhar gus stuthan leughaidh agus sgrìobhadh a thabhann do chloinne le Gàidhlig mar-thà.
- MacLeòid, Murchadh. (1968) Seumas beag Glaschu: Gairm
Artaigilean
[deasaich | deasaich an tùs]- MacLeòid, Murchadh. (1967) 'Gàidhlig gun ghràmair' ann an Gairm 58, 169-171. "Artaigil a' mìneachadh stoidhle teagaisg ann an sreath ùr de leabhraichean airson luchd-ionnsachaidh."
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 'Sàr Ghàidheal air caochlach' BBC Naidheachdan 13 Màrt 2013
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 2.4 2.5 Fios naidheachd an t-Sabhail. An Dàmhair 2009
- ↑ 3.0 3.1 Radio nan Gaidheal 'Murchadh HMI'
- ↑ Fios mun ùghdar ann an Gàidhlig ann an Albainn (1976) deas. D. Thomson, Glasgow: Gairm, d.92
- ↑ Scottish Certificate of Education Examination Board (1981) "Gaelic Orthographic Conventions" Dalkeith. Chithear leth-bhreac dhen chiad aithisg GOC air-loidhne. Tha ballrachd an fho-chomataidh ri fhaicinn an seo.