Jump to content

Muncaidh

O Uicipeid
Macaca sylvanus.
Macaca Tamaiseach à Gibraltar (Macaca sylvanus).

'S e mamal a tha ann am muncaidh[1][2][3] (iolra: muncaidhean) is buinidh e dha na prìomhaidean. Tha muncaidhean eadar-dhealaichte bho apaichean. 'S e beathaichean glic is sòisealta a th' annta a tha cliùiteach airson nan sgilean sreap chraobhan aca. Tha earball aig cha mhòr a h-uile muncaidh ged a tha fear glè ghoirid aig fheadhainn dhiubh.

Tha iomadach seòrsa de mhuncaidhean ann. Bidh cuid dhiubh a' fuireach air craobhan is cuid eile air an talamh. A rèir an t-seòrsa a th' annta, ithidh iad measan, duilleagan, biastagan, flùraichean, mamalan beaga, snàigich, muir-thìrich, crùbagan no fiù 's muncaidhean eile. Faodaidh muncaidhean a' fuireach ann an coilltean, savannahs, fàsaidhean is fiù 's air monadh sneachda, ach tachraidh tu riutha mar as trice ann an coilltean-uisge ach ann an Astràilia is Gini Nuadh.

Tha cuid de na muncaidhean glè bheag, mu 15 cm a dh'fhaid is 120g a chuideam, ach faodaidh muncaidhean eile a bhith glè mhòr, mu 1 m a dh'fhaid is 35 kg a chuideam.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 10 Faoi. 2015
  2. Faclair LearnGaelic.net Leughte 10 Faoi. 2015
  3. Am Faclair Beag Leughte 10 Faoi. 2015