Mukawa
Coltas
| むかわ町 Mukawa | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | Iburi |
| Sgìre | |
| Co-chomharran | 42° 34′ 00 Tuath 141° 56′ 00 Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 166.43 km² |
| Àireamh-shluaigh | 9,639 (2011) |
| Dlùths | 57.92/km² |
| Àireamh fòn | (+81) 81 |
| Duilleag oifigeil | http://www.town.mukawa.lg.jp/ |
‘S e baile beag ann an ceann a tuath na Seapaine a th’ ann am Mukawa (Seapanais: むかわ町). Tha e suidhichte ri taobh mara, anns an Sgìre (Seapanais: 地方/Chihō) Iburi, anns an Roinn (Seapanais: 県/ken) Hokkaidō (Eilean Hokkaidō). Tha e 788km air falbh bho Thokyo, prìomh-bhaile na dùthcha, 1,041km bho Osaka agus 1,054km bho Kobe.[1] Tha 9,639 daoine a’ fuireach ann am Mukawa. Chaidh am baile Mukawa (むかわ町) a stèidheachadh ann an 2004 nuair a chuireadh seann Mhukawa (鵡川町) agus Hobetsu (穂別町) ri chèile.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Akira Suzuki (1930): Ceimigear a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2010.