Jump to content

Clamhan-gobhlach

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Milvus milvus)
Milvus milvus
Clamhan-gobhlach fais air Reading, Sasainn.
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Falconiformes no Accipitriformes
Teaghlach Accipitridae
Gèineas Milvus
Spèiseas M. milvus
Ainmean eile
Ainm saidheansail
Milvus milvus (Linnaeus, 1758)
Briathran Gàidhlig eile
Clamhan-gobhlach,
Croman-luchaidh,
Croman-lachdann

Is e eun-creachaidh a tha a' buntainn dhan teaghlach Accipitridae a tha anns a' chlamhan-ghobhlach (Milvus milvus). Tha e a' fuireach anns an Roinn-Eòrpa agus ann an Afraga an Iar-thuath.

Bha e uaireigin pailt anns a' Bhreatainn, ach aig meadhan an 20mh linn cha robh ach beagan paidhrichean anns a' Chuimrigh ann. Chaidh clamhain-ghobhlach bhon Spàinnt, bhon t-Suain agus bhon Ghearmailt air an cur a-steach do dh'Alba agus do Shasainn agus bha an sgeama soirbheachail.[1] Ann an 2012, chaidh ionad ùr fhosgladh aig Tolaidh san Eilean Dubh far a bheil na clamhain a' tadhal airson biadh agus far am faod am poball coimhead orra.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. BBC: Litir do Luchd-ionnsachaidh 480
  2. Naidheachdan BBC: Ionad ùr nan Clamhan-ghobhlach
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: