Mikoshi
Coltas
Is e mikoshi (神輿) seòrsa carbaid dhiadhaidh sa chreideamh Siontò, no taisealan, a tha a' giùlan spiorad dhè agus th' air aiseag a-null bho phrìomh naomh chobhan a' pharaiste gu naomh chobhan sealadach rè matsuri (fèille) san Iapan, air neo, nuair a bhithear a' gluasad gu naomh chobhan ùr.[1] Tha gu tric coltas togalaich air mikoshi le colbhan, ballachan, mullach, for-uinneag is rèile.
Ullachadh
[deasaich | deasaich an tùs]- Bidh na manaich a' cur taisean an naoimh chobhain, corp-ghabhail an kami, a-steach don Mikoshi. Caithidh iad bratan-gnùise agus miotagan gus nach salaich iad an kami.
- Bidh am prìomh mhanach a' gabhail orthannan coisrigte agus ag iarraidh air an kami ion-cholainneadh a dhèanamh anns an taisealan (am mikoshi).
- Mu dheireadh, seulaichidh iad am mikoshi agus thèid a ghiùlan an uair sin tron cheàrn-bhaile air fad airson beannachadh a' dhè a tharraing thuige.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Sokyo Ono, William P. Woodward, Shinto - The Kami Way, Charles E. Tuttle Company, Tokyo 1992, ISBN 4-8053-0189-9