Jump to content

Mial-theanga

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Mial-teanga)
Mial-teanga
Cymothoa exigua
Mial-teanga, Cymothoa exigua
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Arthropoda
Clas Crustacea
Òrdugh Isopoda
Teaghlach Cymothoidae
Gèineas Cymothoa
Spèiseas Cymothoa exigua
Fo fhìne Vertebrata
Roinn

'S e faoighiche sligeach a tha san mhial-theanga (Cymothoa exigua), san teaghlach Cymothoidae. Thig am faoighiche seo a-steach air na giùrain agus gabhaidh i greim air bun teanga an èisg. 'S e a' mhial bhoireann a ghabhas greim air an teanga ach gabhaidh a' mhial fhireann greim air na giùrain, fon mhial bhoireann agus air a cùlaibh. Tha an fheadhainn bhoireann eadar 8-29mm a dh'fhaid agus 4-14mm a leud air a' char as motha. Air an taobh eile, tha an fheadhainn fhireann eadar 7.5-15mm a dh'fhaid agus 3-7mm a leud.[1] Sùghaidh iad fuil tro an cuid spògan toisich agus crìonaidh teanga an èisg ri linn gainnead fala. Thig am faoighiche an àite na teanga an uairsin, a' gabhail greim air bun na teanga agus bidh comas aig an iasg am faoighiche a chleachdadh mar gum b' e teanga a bhiodh ann. Tha coltas nach dèan an t-iasg cron sam bith eile air an iasg-òstair.[2] Turas a tha a' mhial an àite na teanga, tha cuid dhiubh a' tighinn beò air fuil an òstair agus càch air sglongaid an èisg. 'S e seo an aon fhaoighiche a tha luchd-saidheans eòlach air a thig gu tur an àite buill-bhodhaig aig òstair.[2] Tha iomadh mial sa ghenus Cymothoa,[3] ach 's e C. exigua an aon tè a dh'itheas is a thig an àite teanga òstair.

Tha a' mhial-theanga gu math cumanta agus gheibhear iad eadar Camas Chalifornia deas gu ruige Camas Guayaquil ann an Eacuador. Chaidh dà iasg leotha a lorg ann an Costa Rìcea o chionn greis cuideachd. Chaidh a lorg eadar doimhne 2m gu 60m agus fhad 's fhios, thig iad beò air 8 gnèithean de dh'èisg thairis air 2 òrdugh is 4 teaghlaichean.

Chaidh iasg a' lorg san Rìoghachd Aonaichte ann an 2005 san robh mial-teanga. Leis gu bheil am faoighiche cumanta far cladach Chalifornia, tha cuid sa bheachd gu bheil sin na chomharradh gu bheil raon an fhaoighiche a' leudachadh;[4] ach faodaidh gun robh a' mhial a' siubhal am beul an èisg 's gun do nochd e san Rìoghachd Aonaichte air annasachd.[5].

Cearcall beatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil an luchd-saidheans ro eòlach air cearcall beatha na miala. Bidh iad ri gintinn cleamhnasach agus tha coltas gur iad an fheadhainn òg a gheibh greim air giùrain èisg. Bidh iad 'nam fireannaich aig an ìre sin ach mar a dh'fhàsas iad nas sine, tionndaidhidh iad 'nam boireannaich. Mur eil boireannach air giùrain an èisg ach barrachd air aon fhireannach, tionndaidhidh aonan dhiubh 'na boireannach fhad 's a bhios e nas fhaide na 10mm.[6] 'S e am boireannach a ghluaiseas gu beul an èisg is a ghreimeas ri theanga leis na spògan aice.

  1. Richard C. Brusca (1981) A monograph on the Isopoda Cymothoidae (Crustacea) of the Eastern Pacific ann an Zoological Journal of the Linnean Society
  2. 2.0 2.1 R. C. Brusca & M. R. Gilligan (1983) Tongue replacement in a marine fish (Lutjanus guttatus) by a parasitic isopod (Crustacea: Isopoda) ann an Copeia 3
  3. Vernon E. Thatcher, Gustavo S. de Araujo, José T. A. X. de Lima & Sathyabama Chellappa "Cymothoa spinipalpa" sp. nov. (Isopoda, Cymothoidae) a buccal cavity parasite of the marine fish, "Oligoplites saurus" (Bloch & Schneider) (Osteichthyes, Carangidae) of Rio Grande do Norte State, Brazil ann an Revista Brasileira de Zoologia 2007/24
  4. Tongue-eating bug found in fish (BBC News 2na dhen t-Sultain 2005
  5. Tongue-eating louse found on supermarket snapper ann am "Practical Fishkeeping", 6mh dhen t-Sultain 2005
  6. A. Ruiz-L. & J. Madrid-V. (1992) Studies on the biology of the parasitic isopod "Cymothoa exigua" Schioedte and Meinert, 1884 and its relationship with the snapper "Lutjanus peru" (Pisces: Lutjanidae) Nichols and Murphy, 1922, from commercial catch in Michoacan ann an Ciencias Marinas 18