Jump to content

Meatailt Dhubh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Meatailt dubh)

'S e seòrsa ceòl meatailt a th' ann am meatailt dhubh, a thòisich anns na 1980an agus 1990an, gu h-àraidh anns an Nirribhidh. Thànaig an ceòl seo bho meatailt bàis, (a thàinig bho meatailt slaic), agus bho dhaoine dhen bheachd nach robh meatailt bàis craicte gu leòr.

Tha an dàrna chuid dhen bheachd gur e an stoidhle ciùil fhèin a nì meatailt dhubh sònraichte agus a' chuid eile dhen bheachd gur e na faclan agus an fheallsanachd a tha sònraichte mu dheidhinn, ge b' e dè an stoidhle ciùil.

Thànaig an t-ainm meatailt dhubh bho black metal ann am Beurla, abairt a nochd air clàr aig Venom, còmhlan Breatannach. Ged a thug Venom an t-ainm air an stoidhle chiùil seo, cha chluicheadh iad an aon seòrsa ceòl ri còmhlanan mar Mayhem agus Immortal mar eisimpleir. Cha robh an seinn aca den seòrsa sgreuchail a chleachdas mòran còmhlanan meatailt dhubh. Bha còmhlanan mar Hellhammer/Celtic Frost, Mercyful Fate agus gu h-àraidh Bathory glè chudthromach ann an toiseach meatailt dhubh.

Thòisich meatailt dhubh le còmhlanan às an Nirribhidh, mar Darkthrone, Satyricon, Mayhem, Emperor, Immortal agus Burzum. Chleachd iad criomagan bho mheatailt chumanta agus bho cheòl clasaigeach, airson seòrsa ceòl a chruthachadh a bha gu math borb ach àlainn aig a' cheart uair, le faclan an aghaidh Crìosdachd, agus cuideachd a-mach air creideamhan Pàganach no Sàtanach gu tric.

Chleachdadh cuid dhe na còmhlanan seo corpse paint: a' peantadh an aodann dubh agus geal gus coltas bàis a riochdachadh. Chleachdadh iad far-ainmean cuideachd, ainmean ceangailte ris na Lochlannaich, neo ri bàs.

Seo cuid dhe na feartan a tha ceangailte ri meatailt dhubh:

- Giotàran gu math luath.

- Faclan glè eu-dòchasach, a tha an aghaidh Crìosdachd, neo/agus a-mach air Pàganach neo Sàtanach.

- Aig an toiseach, bha na clàrachaidhean fhèin gu math mì-shoilleir, airson adhbharan feallsanachdail, mar ràdh aghaidh an gnìomhachais chiùil, no dìreach as adhbhar cion airgid. Tha cuid, mar Darkthrone, fhathast a' cleachdadh na stoidhle clàrachaidh seo.

- Mar as tric, bidh na drumaichean gu math luath agus na drumairean a' cleachdadh blast beats. Ach uaireannan, airson buaidh shònraichte, thèid am buail nas slaodaiche.

- Uaireannan tha meur-chlàr air a' cleachdadh, gu h-araidh nuair a tha an ceòl nas simphineadh ann an fuaim ('s e eisimpleir math de seo an còmhlan Dimmu Borgir).

- Seinn gu math àrd, sgreuchail (tha seo a dèanamh e doirbh a' cluinntinn na faclan, uaireannan). Ach tha mòran còmhlanan a' cleachdadh stoighlean diofraichte, nas tradaiseanta neo co ceangailte rith seòrsan eile de meatailt.

- Chan eil an rithim cho cudromach rith ann an seòrsan eile de meatailt, mar meatailt marbh.

Mar a tha air ag ràdh mar tha, bha Venom glè chudthromach gu meatailt dubh, ged nach eil an ceòl aca dìreach an aon rud.

' S e an duine as cudthromach gu meatailt dubh, aig an toiseach, Øystein Aarseth (a bha a' cleachdadh an t-ainm Euronymous). Bha e a' cluich a' ghiotàir airson an còmhlan Mayhem. ' S e Aarseth agus an "inner circle" - na duine a bha as cudtromach anns an sealladh - a bha as cudthromach ann an meatailt dubh aig an toiseach. Bha iad a' coinneachadh aig an bùth aige, Helvete (ifrinn). Ann an 1993, muirt Varg Vikernes e, a' cur sgian ann barrachd na fichead tursan (ach tha Vikernes fhathast ag ratha nach robh e ach mu còig tursan, agus thuit Aarseth air glainne briste). Fhuair Vikernes 21 bliadhna anns a phrìosan, agus gus an latha an-diugh chan eil e pàirt den sealladh meatailt dubh, a-nis co ceangailte rith còmhlanan Nàsach. ' S e 's dòcha air sàilleabh air Vikernes a tha daoine ann a tha a' smaointinn air meatailt dubh mar ceòl neo Nàsach, ged gur e dìreach pàirt beag den sealladh a tha còmhlanan mar sin, agus tha a bhor cuid a' cur astar eadar iad fhèin agus smaointinn Nàsach.

Aig an toiseach, agus latha an-diugh, bha an sealladh meatailt dubh fada an aghaidh creideamh Chrìosdach, agus ag iarraidh air an Nirribhidh a' dol air ais gu na ciad creideamhan aice. Aig deireadh na 1980an agus toiseach na 1990an, loisg daoine anns an sealladh meatailt dubh air eaglaisean (ann an Nirribhidh, tha mòran eaglaisean air an dèanamh le fiodh).

Thàinig meatailt dubh suas anns na naidheachdan a-rithist nuair a loisg an seinneadair de Mayhem air e fhèin, a' sealltainn cho ceart 's a bha an t-ainm ciùil aige: Death. Sgrìobh e litir ag ratha gu robh e duilich mu dheidhinn an fhuil, agus thug Aarseth dealbhan den cuirp, a bha air a cleachdadh air aon de na clàran aig Mayhem.

Latha an-diugh, chan eil an ainneart seo pàirt mòr de meatailt dubh, le a bhor cuid de còmhlanan dìreach a' dèanamh an ceòl, agus a stad air na rudan eile a tha ceangailte ris an ceòl. Tha mòran de na còmhlanan a bha ann aig an toiseach fhathast an seo. Cuideachd, tha còmhlanan bho dùthaichean eile nas cudthromach anns an sealladh latha an diugh, gu h-àraid an An t-Suain, Suòmaidh, agus dùthchannan anns an Eòrpa an Ear. Tha barrachd diofar fuaimean anns an ceòl a-nis, le ceòl tradaiseanta, techno, ceòl clasaigeach, agus mòran eile, a nis air a cur còmhladh ris an fuaim tradaiseanta airson meatailt dubh.