Meanbh-fhrìde
'S e beathach anns a' chlas Insecta anns an fho-fhine Hexapoda anns an fhine Arthropoda a tha ann am meanbh-fhrìde, mar eisimpleir seilleanan, dealain-dhè, seanganan, daolagan, tairbh-nathrach is deargannan.
'S e neo-dhruim-altachan a tha ann, le cnàimhneach a-muigh agus corp ann an trì roinnean, stiùirichean, sùilean fillte, agus mar as àbhaist, tha sia casan is dà phaidhir sgiathan aig meanbh-fhrìdean.[1]
Buaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha meanbh-fhrìdean a' toirt seirbheisean eag-eòlach, mar eisimpleir poileanachadh agus mar phàirtean cudromach ann an sreath-bìdh. Tha iad a' toirt taic ri, mar eisimpleir, gnìomhachas sùibh-chraoibh, as fhiach do dh'eaconomaidh na h-Alba barrachd air £52 millean a h-uile bliadhna.[2]
Seòrsaichean a tha glèidhte ann an Alba
[deasaich | deasaich an tùs]A-rèir Achd nam Fiadh-bheathach agus na Dùthcha 1981 tha na meanbh-fhrìdean a leanas glèidhte, is a h-uile fear san òrdugh Lepidoptera, na dealain-dhè is na leòmannan:[2]
- Argas-donn tuathach (Aricia artaxerxes)
- Bùrnaid an New Forest (Zygaena viciae)
- Dealan-dè nam boglaichean (Euphydryas aurinia)
- Dealan-dè nan oirean neamhnaideach (Boloria euphrosyne)
- Dealbhan mòr an fhraoich (Coenonympha tullia)
- Fàinneag a' mhonaidh (Erebia epiphron)
- Gorman beag (Cupido minimus)
- Leumadair breac-bhallach (Carterocephalus palaemon)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Insect Anatomy”. Youth and Entomology. Oilthigh Purdue. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2020.
- ↑ 2.0 2.1 “A strategy for Scottish invertebrate conservation”. Initiative for Scottish Invertebrates. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2020.