Jump to content

Meadhan-talmhainn (Tolkien)

O Uicipeid


Is e Meadhan-talmhainn an tìr ùirsgeulach sna leabhraichean fantasach aig an ùghdar Shasannach J.R.R. Tolkien. ’S ionann an t-ainm seo agus na h-ainmean-àite Miogaror ann am fionn-sgeulan Lochlannach ’s Middangeard ann an sgrìobhaidhean Seann-Bheurla Shasainn, leithid Beowulf. Is e Meadhan-talmhainn an tìr sa bheil mac-an-duine a' tàmh, prìomh ranntair na Talmhainn ann am mac-meanmna Tolkien. Shuidhich e An Hàbat agus Tighearna nam Fàinneachan, na sgeulachdan as aithnichte aige, ann am Meadhan-talmhainn air fad. An-diugh, theirear "Meadhan-talmhainn" ri seanchaidheachd Tolkien, ’s e sin an corpas de na sgrìobhaidhean fantasach, agus an saoghal ùirsgeulach aige gu lèir.

’S e Meadhan-talmhainn mòr-thir na Talmhainn (Arda) ann an seann aimsir uirsgeulach na Talmhainn, a thig gu crìoch mun Treas Aimsir bho chionn mu 6,000 bliadhna. Tha a' mhòr-chuid de na sgeulan aig Tolkien air an suidheachadh mu cheann an iar-thuath Mheadhan-talmhainn. Tha an ceàrn seo, taobh an iar-thuath an t-Seann Shaoghail, coltach ris an Roinn-Eòrpa agus tha suaip aig pàirtean de an t-Siorrachd ri Sasainn, gu h-àraidh West Midlands, leis gu bheil am baile sa mheadhan, Hobbiton, suidhichte aig an aon domhan-leud ri Oxford.

Tha Meadhan-talmhainn Tolkien air a thuineachadh le Daoine, ach cuideachd le Eilfean, Troichean, Eantan, agus Hàbatan, agus tha uilebheistean leithid Dràgonan, Trobhaichean, is Òrcan a' còmhnaidh ann. Ann an eachdraidh na h-inntinn seo, crìonaidh na sluaghan eile, an dèidh an ama a leughar sna leabhraichean, gus nach eil ach Daoine air fhàgail san t-saoghal.

Seanchaidheachd Tolkien

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha sgeulachdan Tolkien a' seanchas mun chath, air an dàrna taobh, eadar na Valaraich aingealach, na h-Eilfean agus an caidreabhaich measg nan Daoine; agus, air an taobh eile, Melkor no Morgoth deamhnaidh (Vala a chaidh gu olc), a luchd-leanmhainn, agus an cuid ìochdairean, mar as trice Òrcan, Dràgonan agus Daoine fo dhaorsa. Sna linntean an dèidh do Mhorgoth bhith air a ruagadh à Arda, thèid àite-san a ghabhail le iar-cheannard, Sauron, a bhuineas do shliochd nam Maiar.

Tharraing na Valaraich às o bhith a' beantainn gu dìreach ri cùisean Mheadhan-talmhainn an dèidh dhaibh buannachadh an aghaidh Mhorgoth, ach chuir iad a-null, an ceann bhliadhnaichean, na draoidhean no Istari mar chòmhnadh an aghaidh Sauron. B' iad na draoidhean a bu chudromaiche, Gandalf Liath agus Saruman Bàn. Chùm Gandalf ri fìor-bhrìgh a rùin agus thigeadh e gu bhith ro-dheatamach san t-sabaid an aghaidh Sauron. Ge-tà, chrom cridhe Saruman gu cuilbheart agus rinn e oidhirp air làmh an uachdar a thoirt eadhon air Sauron airson làn-uachdranachd thairis air Meadhan-talmhainn. B' iad na Troichean, Eantan is na Hàbatan cliùmhor na cinnich eile a rinn strì ris an olc. Gheibhear seanchas nan làithean mu dheireadh air aithris sna leabhraichean An Hàbat agus Tighearna nam Fàinneachan.

Tha còmhstri mu bhith a' sealbhachadh nithean prìseil no draoidheil na cuspair a tha a' ruith tro na sgeulachdan air fad. Sa Chiad Aimsir, gheibhear turas-rannsachaidh a nì an t-eilf Fëanor agus a chinneadh Noldorin airson trì seudan prìseil, a ghoid Morgoth orra, fhaighinn air ais. (Buinidh ainm an sgeòil The Silmarillion ri ainm nan seudan, Silmarils.) Tha an Dàrna ’s an Treas Aimsir fo bhuaidh Fàinneachan na Cumhachd, agus na tha an dàn don Aon Fhàinne, a dhealbh Sauron ’s a bheir comas don neach-giùlain smachd no buaidh a bhith aige air luchd-giùlain nam Fàinneachan Cumhachd eile.

Mapa de Meadhan-talmhainn

Anns an t-seanchas aig Tolkien, tha Meadhan-talmhainn na phàirt de shaoghal a dhealbh e ris an canar Arda (sa bheil Tìrean Neo-Chaochlaideach Aman is Eressëa dealaichte bhon chòrr dhen t-saoghal chorporra) agus tha Arda fhèin na phàirt de dhomhan nas motha eile don ainm Eä.

Dheasaich Tolkien grunn mhapaichean de Mheadhan-talmhainn, cuid dhiubh a chaidh fhoillseachadh ri a latha fhèin. Gheibhear na prìomh mhapaichean foillsichte san Hàbat, Tighearna nam Fàinneachan, The Silmarillion agus Unfinished Tales, paisgte am broinn nan leabhraichean air neo gan taisbeanadh mar dhealbhan. B' e Tolkien fhèin a dh'iarr gum biodh na mapaichean gan gabhail anns an leabhar ged a bhiodh e na bu chosgaile.

Cosmo-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A-rèir breithneachadh Tolkien, chruthaicheadh Arda gu sònraichte mar "àite-còmhnaidh" (Imbar no Ambar) do Chlann Ilúvatar (Eilfean is Daoine). Thathar ga fhaicinn mar chlàr còmhnard le rionnagan, 's an dèidh sin, a' ghrian agus a' ghealach, ga chuartachadh. Rinn Tolkien sgeidsichean a' sealltainn aghaidh thana le taobh an uachdair ris na reultan. Ach, tha seanchaidheachd Tolkien a' toirt tuairisgeul de chruth-atharrachadh bho shaoghal còmhnard gu saoghal cruinn, rud a bha na dhosgainn do dhaoine talmhaidh oir cha ruigeadh iad Aman tuilleadh.

Co-chòrdachd ri clàr-tìre na Talmhainn

[deasaich | deasaich an tùs]

Mhìnich Tolkien an ceàrn sa bheil na Hàbatan a' tàmh mar "taobh an iar-thuath an t-seann saoghail, gu sear air a' Chuan", agus gu dearbha, ’s e an Roinn-Eòrpa, gu h-àraidh Breatainn, as coltaiche ris an t-Seann Saoghal. Gidheadh, chan eil iad gu tur co-ionann, agus thuirt e fhèin nach do dh'fheuch e ri an dèanamh co-ionann nuair a bha e a' sgrìobhadh.

Dhearbh e, ge-tà, gun robh an t-Siorrachd, tìr a laochain, na Hàbatan, stèidhichte air Sasainn, gu h-àraidh air West Midlands far an do thogadh e suas na òige.

Tha na h-eàrr-ràdhan agus The Silmarillion a' dèanamh iomradh air grioglachain, rionnagan is reultan a fhreagras ris an fheadhainn a chithear ann an leth-chruinne a tuath na Talmhainn againn fhìn, nam measg sin, a' Ghrian, a' Ghealach, Sealgair Mòr ('s a chrios), an Crann-arain agus Màrs. A-rèir coltais rinn Tolkien feum de Belgrade, Cìopras is Ierusalem mar cho-chomharran.

A rèir tuairisgeul san t-Silmarillion, thòisich freumhan Meadhan-talmhainn nuair a thàinig na h-Ainur air tìr ann an Arda an dèidh cruthachadh Ainulindalë agus linntean fada làn saothrach air feadh Eä, an domhan uirsgeulach.

Sluaghan ’s an cànain

[deasaich | deasaich an tùs]

’S iad creutairean aingealach a bh' anns na h-Ainur air an cruthachadh le aon Dia nan Eä dom b' ainm Eru Ilúvatar. Thàinig iomadh Ainur air tìr ann an Eä, agus nam measg bha na Valaraich agus spioradan nas lugha cumhachd ris an cante Maiar. Rachadh cuid de na Valaraich ’s na Maiaraich gu olc, mar thachair do Mhorgoth a bha air fear de na Valaraich o thùs. Mar fhear de na Maiaraich olca, dhealbh Sauron a' Chainnt Dhubh (Burzum) da thràillean (leithid na h-Òrcan) gus am biodh comas bruidhne aca. San Treas Aimsir, chaidh còignear de na Maiar a chur ann an riochd dhaoine a dh'ionnsaigh Meadhan-talmhainn gus fòir a dhèanamh air na sluaghan saora agus Sauron a chur fodha. B' iadsan na h-Istari, no na Draoidhean, sam faighear Gandalf, Saruman, agus Radagast.

Aithnichear na h-Eilfean mar "Chiad Ghlùn" Ilúvatar: creutairean gleusta a rinn Ilúvatar, le iomadh cinneadh nam measg. Labhair sinnsir nan Eilfean uile an aon chainnt, Eldarin Cumanta, o thùs ach dhealaich i na dà mheanglan rè nan linntean thar linntean. B' iad na meanglan seo Quenya, teanga aig na h-Eilfean Sorcha agus Sindarin, a bha aig na h-Eilfean Dorcha. Tha Eilfean coltach ri mac an duine nan cruth is coltas; ’s urrainn dhaibh daoine a phòsadh agus clann a bhreith leotha. Tha iad lùthmhor, clis is siùbhlach air am bonnan le fradharc geur. Mur tèid am marbhadh ann an cath, tha Eilfean bith-bhuan. Ma mharbhar iad, nì iad ath-fheòl-ghabhail ann am Valinor.

B' iad Daoine an "Dàrna Glùn" aig Clann Ilúvatar, a nochd ann am Meadhan-talmhainn fada às dèidh nan Eilfean, agus an dèidh do na Troichean, Eantan is Òrcan tighinn gu bith cuideachd. Chleachdar Duine (riochd iolra "Daoine") le litir mhòr gun fhathamas do ghnè airson an cinne-daonna a shònrachadh o na cinnich duin-amhail eile ann am Meadhan-talmhainn. Ged a tha cumadh Dhaoine coltach ri Eilfean, anns a' chumantas, chan eil Daoine cho eireachdail riutha-san. Eu-coltach ri Eilfean, tha Daoine bàsmhor agus diombuan, oir bàsaichidh iad gu luath, mar as trice, mairidh iad beò eadar 40 is 80 bliadhna a dh'aois. Bhiodh na Númenóreanaich beò feadh grunn cheudan de bhliadhnaichean, agus ruigeadh an sliochd-san, na Dúnedainich, aois na bu mhotha na an Duine cumanta cuideachd. Ri tìde, lagaich a' bhuanachd seo le measgachadh slòigh nach robh cho làidir.

Tha Troichean duine-amhail ach nas bige na Daoine, agus nas motha na Hàbatan. Chruthaicheadh iad le Vala Aulë mun do dhùisgeadh a' Chiad Ghlùn leis gun robh fadachd a chridhe air gus an tigeadh clann Ilúvatar airson a bhith gan oilean ’s gan gràdhachadh. Ghabh Eru truas ri Aulë, agus fhuair na Troichean beatha air a chumha gun deigheadh am fàgail nan suain sgapte air feadh Meadhan-talmhainn gun a bhith air an dùsgadh gus an tigeadh a' Chiad Ghlùn air tìr na Talmhainn.

Tha Troichean bàsmhor mar a tha Daoine, ach gu bheil beatha mòran nas fhaide aig troichean; mar as trice, ruigidh iad na ceudan de bhliadhnaichean a dh'aois. Gheibhear feusagan air an dà chuid troichean fireann agus boireann, rud a tha na annas do chàch nach urrainn dealachadh a chur eatorra. Bruidhnidh Troichean Khuzdul, cainnt a bh' air a cumail dìomhair aca fhèin. Sa choitcheannas, tha Troichean a' còmhnaidh fo bheanntan, far a bheil iad fìor eòlach air mèinneadh is obair stàilinn.

Chomharraich Tolkien na Hàbadan mar iarmad a' chinne-dhaonna. Theirear 'Leth-dhaoine' (no "duineachain") riutha mar ainm eile bho nach eil ach leth-mheud de Dhaoine annta sa chumantas. Nam beusan is cleachdainnean, cha dèanar mòran sgaraidh eadar Hàbadan is Daoine, agus tha iad gu h-àraidh coltach ri Sasannaich nan dòigh-beatha, ach gu bheil iad a' dèanamh roghainn de thuill fon talamh mar àitean-còmhnaidh. Mu àm an leabhair The Hobbit, tha a' mhòr-chuid dhiubh air imrich bhon ear chun t-Siorrachd, sgìre ann an iar-thuath Meadhan-talmhainn.

Sluaghan eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Gheibhear Eantan, creutairean craobh-amhail a tha mar chìobairean a' gleidheadh nan coilltean.

’S iad Òrcan agus Trobhaichean (dèante de chloich) creutairean olca a dh'àraich Morgoth.

Nochd Uruk-hai na b' anmoiche san Treas Aimsir. Seòrsa de dh'Òrcan ach air mheud nas motha is gramalachd cuirp àibheiseach aca. Fuilingidh iad solas na grèine nas fheàrr cuideachd.

Tha Dràgonan a' nochdadh nan grunn sheòrsaichean, ach cuirear dealachadh eadar feadhainn sgiathach agus feadhainn a shèideas lasairean teine o bheul (draig-fuar seach draig-lasrach). B' e Glaurung Òr-bhuidhe a' chiad draig-lasrach (Urulóki sa chànan Quenya) a chaidh a bhreith le Morgoth ann an Angband.

Ainmhidhean fèin-mhothachail

[deasaich | deasaich an tùs]

Gheibhear beathaichean le tùr is tuigse is buadhan os-nàdarra ann am Meadhan-talmhainn, leithid nan Iolairean, Miol-chù Mòr Huan à Valinor agus Wargs a tha coltach ri madadh-allaidh. Chan eil fhios cò às a tha iadsan no ainmhidhean eile leithid an Damhain-allaidh ana-mhòr Shelob de shliochd Ungoliant.

Tha gnèithean eile a' nochdadh an-siud ’s an-seo mar na feannagan a nì obair brathaidh às leth Saruman agus na Fithich aig Erebor, a thug fios gu na Troichean. Tha e coltach cuideachd gu bheil tùr is toinisg aig eich Rohan, gu h-àraidh an t-each aig Gandalf, Shadowfax, a thuigeas cainnt nan daoine.

Ri fhaicinn

[deasaich | deasaich an tùs]
  • J.R.R. Tolkien bibliography
  • Middle-earth canon
  • Outline of Middle-earth

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]

Prìomh-fheadhainn

[deasaich | deasaich an tùs]

Feadhainn dàrnach

[deasaich | deasaich an tùs]

Tuilleadh leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]