Mary Somerville
Mary Somerville | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Mary Fairfax |
Breith | Deadard, 26 dhen Dùbhlachd 1780 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Napoli, 28 dhen t-Samhain 1872 |
Àite-adhlacaidh | English Cemetery, Naples (en) |
Teaghlach | |
Athair | William George Fairfax |
Màthair | Margaret Charters |
Cèile |
Samuel Greig Jr. (en) (28 dhen Ògmhios 1804 - 1807) William Somerville (en) (1812 - 1860) |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Oileanaich | Ada Lovelace |
Dreuchd | |
Dreuchd | matamataigear, sgrìobhadair, neach-saidheans, fiosaigiche agus geòlaiche |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
Comann Aimeireaganach na Feallsanachd Comann Rìoghail an Reul-eòlais Accademia Pontaniana (en) Société de physique et d'histoire naturelle de Genève (en) Acadamh Rìoghail na h-Èireann |
B' e tè-shaidheans, matamataigear is eadar-theangaiche à Fìobha a bha ann am Mary Somerville.
Rugadh i mar Mhary Fairfax ann an Jedburgh 26 Dùbhlachd 1780 agus thogadh i anns an Eilean Loisgte. Nuair a bha i 10 bliadhna a dh'aois bha i na sgoilear ann am Baile nam Feusgan airson aon bhliadhna. Nuair a bha i nas sine, chuir an teaghlach na geamhraidhean seachad ann an Dùn Èideann is na samhraidhean anns an Eilean Loisgte, is dh'ionnsaich i peantaireachd fo Alexander Nasmyth. Phòs i Samuel Greig, a chaochail ann an 1807, ann an 1804, is William Somerville ann an 1812. Dh'imrich iad a Lunnainn is chaidh William na bhall Comann Rìoghail.
Dh'eadar-theangaich is leasaich i Mécanique Celeste le Laplace ach bha an obair ro mhòr airson a' chomann a choimiseanaich i, is dh'fhoillsich John Murray i mar The Mechanism of the Heavens ann an 1831. Dh'fhoillsich i The Connexion of the Physical Sciences ann an 1834 anns an do ro-innis i gun robh planaid seachad air Uranus. Chaochail i 29 Samhain 1872 ann an Naples.[1]
Chaidh Colaiste Somerville ann an Oxford ainmicheadh oirre[2] is chaidh a thaghadh airson nòta-banca £10 roimhe ach cha nochd na nòtaichean sin gu 2017.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ O'Connor, John J. ⁊ Edmund F. Robertson (1999): “Mary Fairfax Greig Somerville”. MacTutor History of Mathematics archive. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 1d dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ “History”. Somerville College Oxford. Air a thogail 1d dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ Naidheachdan bho RBS