Jump to content

Malmö

O Uicipeid
Malmö
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Skåne
Sgìre Skåne Län
Co-chomharran 55° 35 00' Tuath
13° 02 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 158.4 km²
Àireamh-shluaigh 303,873 (2012)
Dlùths 1,918.39/km²
Àireamh fòn (+ 46) 34
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile[1] mòr agus port[2] cudromach faisg air Lund, air an àirde an iar-dheas na Suaine a th' ann am Malmö (IPA: malːˈmø, Liotuànais: Malmė, Laideann: Malmogia). Tha e suidhichte ri taobh a' chaolais Öresund, a sgaras an t-Suain bhon Danmhairg, aig 12m os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn (Suainis: län) Skåne,[4] 513km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 546km bho Uppsala, 244km bho Göteborg agus 1,229km bho Bhoden.[5] Chaidh Malmö a stèidheachadh ann an 1275 le Easbaig Lund mar Malmhaug bhon fhacal malm, a tha a' ciallachadh gainmheach agus 303,873 duine a' fuireach ann.[6] 'S e an naoidheamh baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.[7] Tha port Mhalmö ag obair ann an co-bhann le Copenhagen air an taobh thall a' Chaolais.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à malm (Gàidhlig: gainmheach) agus hög (àrd/bàrr) ann an Suainis a tha an t-ainm.[8] Bheireadh sin Bàrr na Gainmhich dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Chaidh an t-ainm a chlàradh mar Malmöughe ann an 1367.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Svensk Geografi
  2. Copenhagen Malmö Port
  3. Mongabay
  4. Nationalencyklopedin
  5. Distance Calculator
  6. Statistika Centralbyrån
  7. Geonames
  8. Runeberg
  9. IMDB

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]