Dh'obair e mar thagraiche ann an Lunnainn is ann an Afraga a Deas far an deach e an sàs ann am poileataigs. Thill e gu Lunnainn aig àm a' Chogaidh Mhòir is e a' stiùireadh ionad carbad-eiridinn. As dèidh sin thill e dhan na h-Innseachan far an do rinn e iomairt airson neo-eisimeileachd airson nan Innseachan. Cha tug e taic ris na Breatannaich aig àm an Dàrna Chogaidh air sgàth a sìochantais is chaidh inntearnachadh leis na h-ùghdarrasan gu ruige 1945. Ged a bha Jawaharlal Nehru is Muhammad Ali Jinnah ag iomairt airson dà stàit, aon airson nan Hionduthach agus aon airson nam Muslamach, chuir e an aghaidh roinnidh is chaidh a mharbhadh ann an 1947 le fanatach Hionduthach, Nathuram Godse.[1]