Mòsaimbic
Coltas
República de Moçambique | |
---|---|
Bratach |
Lùireach |
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
Pátria Amada | |
Cànan(an) oifigeil | Portagailis |
Prìomh-bhaile | Maputo |
Baile as motha | Maputo |
Riaghaltas | Poblachd |
Ceann-suidhe | Filipe Nyusi |
Prìomh-mhinistear | Carlos Agostinho Do Rosário |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Phortagail |
25mh an t-Ògmhios 1975 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 801,590 km² (35mh) |
Uisge | 2.2 % |
Àireamh-shluaigh (2007) | |
Iomlan | 21,397,000 (54mh) |
Dlùths | 25/km² (178mh) |
LTD/CCC (2005) | |
gach pearsa | $1,389 (158mh) |
Roinn tìde | CAT (UTC+2) |
Ruith-airgid | metical Mòsaimbiciach |
Prìomh àrainn-lìn | .mz |
Còd Àireamh fòn | 258 |
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Mòsaimbic, [1] ainm eile: Mosaimbic [2], Mosambiog[3] neo Mosambìog [4] , ainm oifigeil: Poblachd Mhòsaimbic, (Portagailis: República de Moçambique, IPA: ʁɛ'publikɐ dɨ musɐ̃'bikɨ). Tha crìochan aige sa tuath le Tansainìa, san iar-thuath le Malabhaidh agus Saimbia, san iar le Siombabue agus sa earra-dheas le Dùthaich nan Suasaidh agus Afraga a Deas. Tha an Cuan Innseanach san ear dhith. ‘S e Maputo am prìomh-bhaile aice. B’ e Vasco da Gama a’ chiad duine às an Roinn Eòrpa a ràinig air Mòsaimbic anns a’ bhliadhna 1498 agus b’ e tìr-imrich na Phortagail a bha innte bho 1505. Thàinig an t-ainm Mòsaimbic (Moçambique) bho Muça Alebique, (rìgh Arabach).
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)