Jump to content

Màm

O Uicipeid

'S e ainm coitcheann air a' phuing as ìsle air druim eadar dà bheinn, neo air a' phuing as ìsle eadar dà mhullach air druim, a tha ann am màm no dìollaid.

Chan eil a' chuid bu mhòr de màm ann an Gaidhealtachd na h-Alba ainmichte, ach tha fear neo dha, mar eisimpleir An Màm, eadar an dà mhullach aig Suilbhean, beinn ainmeil anns an Asainte. Lorgar an ainm cuideachd air rathaidean thairis talamh àrd—mar eisimpleir An Màm Ràtagain, an rathad ainmeil eadar Ràtagan Cinn t-Sàile agus Gleann Eilg.