Jump to content

Màiri Mairead Nic Gill-Eathain

O Uicipeid
Màiri Mairead Nic Gill-Eathain
Beatha
Breith Cnoc Cuidhein, 1921
Dùthaich  Alba
Ciad chànan Beurla
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd

'S e sgrìobhadair Gàidhlig a bh' ann am Màiri Mairead Nic Gill-Eathain (1921–?).[1] Choisinn i Crùn na Bàrdachd ann an 1951.[1]

Chithear a h-ainm gu tric mar Màiri M. Nic Gill-Eathain[2] neo Màiri M. NicIlleathain.[3] B' aithnichear cuideachd i mar Màiri Dhubh agus Màiri na Buaileadh.[1] (Beurla: Mary M. MacLean).

Rugadh i ann an Cnoc Cuidhein, Uibhist a Tuath[1] agus an uair sin, ghluais an teaghlach dhan Rubha Buidhe, Griomasaigh nuair a bha i òg. Chaidh a togail ann agus dh'fhuirich i ann a' chuid mhòr dhe a beatha.[1] Bha gealladh-pòsaidh eadar Màiri agus am bàrd Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill ach dhealaich iad mus do phòs iad.[1] Cha do phòs Nic Gill-Eathain riamh.

B' ann an 1947 a nochd a' chiad leabhar aice, Sunbeams and Starlight, anns an robh bàrdachd Ghàidhlig agus Bheurla. An uair sin, aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Èideann ann an 1951, choisinn i Crùn na Bàrdachd leis an dàin Do Bheinn Eubhal.

Sgrìobh i rosg cuideachd. Ann an 1970, b' e cruinneachadh de a cuid sgeulachdan goirid an dàrna foillseachadh Gàidhlig a chuir Club Leabhar an clò.[4] Nochd an nobhail aice, Gainmheach an Fhasaich, an ath bhliadhna ann an 1971.

Sgrìobh i gu tric ann am pàipear-naidheachd ionadail The Clarion agus chithear torr dhen sgrìobhadh sin air làrach-lìon Am Baile.

Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Sgeulachdan goirid

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1970) Lus Chrùn á Griomasaidh (Inbhirnis: Club Leabhar) SBN 902706020
    • 20 sgeulachd goirid
    • Chaidh an leabhar a dheasachadh le Donnchadh MacGuaire.[4]
    • Tha an leabhar coisrigte do 'Màthair, Seònaidh, na nabaidhean agus na càirdean eile ann an Griomasaidh.'[4]
  • Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1971) Gainmheach an Fhàsaich (Inbhir Nis: Club Leabhar) SBN 902706055
    • Chaidh an leabhar a dheasachadh le Donnchadh MacGuaire.[5]
    • Tha an leabhar coisrigte do a caraid 'Daphne, aig Cillmarnuig'.[5]
  • Do Bheinn Eubhal
    • 1953. Bàird a' Chomuinn, deas. le Lachlan MacFhionghuin (An Comunn Gàidhealach)
    • 2000. An Tuil (ann an dreach as ùr)

Nic Gill-Eathain, M. M. (1951-52) 'Spiorad a Mhac-meanmna', Transactions of the Gaelic Society of Inverness 41: 1-4.

Tuilleadh leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Neat, Timothy (1999): The Voice of the Bard. Edinburgh: Canongate, td. 34–63 is 58. 

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 1.5 Harvey, Naomi (2014): “Mairi M. NicIlleathain”, Leth-Cheud Baird is Oran a Uibhist a Tuath: Storas Fiosrachaidh. Uibhist: EOST Project, td. 12. 
  2. 'S ann mar sin a nochdas a h-ainm air an dà leabhar a dh'fhoillsich Club Leabhar, Lus Chrùn á Griomasaidh (1970) agus Gainmheach an Fhasaich (1971)
  3. Clàraichte ann an catalog NLS mar 'Màiri M. Nic Gill-Eathain'.
  4. 4.0 4.1 4.2 NicGill-Eathain, Màiri M. (1970): Lus-Chrun à Griomasaidh. Inbhir Nis: Club Leabhar, td. viii. 
  5. 5.0 5.1 Nic Gill-Eathain, Màiri M. (1971): Gainmheach an Fhasaich. Inbhir Nis: Club Leabhar, td. iii. ISBN 902706055.