Loidig cho-cheanglachail

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

'S e comharradh loidigeach a tha ann an loidig cho-cheanglachail.

Leasaich Moses Schönfinkel agus Haskell Curry e san 1920an agus 1930an. Tha e cudromach ann am prògramadh agus co-cheangailte ri calcalas lambda. Le loidig cho-cheanglachail 's urrainn dhuinn foincseanan a sgrìobhadh gun caochladairean sgaoilte a-muigh.

Tha e a' toirt riaghailtean, eas-preiseain ath-sgrìobhadh le co-cheanglaichean:

  • (I x) = x. (ionnannachd)
  • ((K x) y) = x
  • (S x y z) = (x z (y z))

Chleachd Curry siostam eile de cho-cheanglaichean:

  • B x y z = x (y z). (co-dhèanamh)
  • C x y z = x z y
  • K x y = x
  • W x y = y

Ann an cànanachas[deasaich | deasaich an tùs]

Tha gràmar catagaraidheal co-cheanglachail a' cleachdadh nan co-cheanglaichean do gleusan cainnte nach urrainn do gràmar catagaraidheal clasaigeach.

Ann am prògramadh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Dh'ainmicheadh an cànan prògramachaidh Haskell air Haskell Curry.
  • Dh'ainmicheadh dèanamh Curry air Haskell Curry.
  • Dh'ainmicheadh an companaidh calpa iomairte Y Combinator air a' cho-cheanglaiche Y.