Loch Cill Chriosd
Co-chomharran: 57°12′47″N 5°57′26″W / 57.213000°N 5.957300°W
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Cill Chriosd.[1] Tha e suidhichte anns an Eilean Sgitheanach faisg air an rathaid B8083 a leanas bhon Àth Leathann gu Cille Bhrìghde is Ealaghol.
Tha an loch seo cho mòr ri 20.8 ha (51.4 acair). 'S e 2.9 km (1.8 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 958 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 24 m (79 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 3.1 km (2 mhìle) air falbh bhon mhuir. Thèid a lìonadh le Allt Coire Forsaidh agus tha an t-uisge a' struthadh às an loch chun an ear-thuath tro Abhainn an Ath-Leathainn.
Aig ceann an ear-tuath na locha tha tobhtaichean den seann eaglais ann. Tha cuid taighean faisg air Loch Cill Chriosd air an taobh eile dhen rathaid. Tha Beinn Dearg Bheag san iar-thuath air cùl na locha.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG611205
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Tobhtaichean na seann eaglaise
-
An rathad a leanas chun an locha
-
Sealladh bho Bheinn Dearg Bhig air an loch
Loch Buidhe • Loch Braigh Bhlàir • Loch Cill Chriosd • Loch an Eilein • Loch Fada • Loch nan Learg • Loch an Leòid • Loch Lonachan • Loch an Starsaich