Jump to content

Colbhasa Beag

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Little Colonsay)
An t-aonar taigh ann an Colbhasa Beag

'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Colbhasa Beag (Beurla: Little Colonsay)". [1] Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba air àirde an iar Muile. Tha e mu cilemeatair air falbh air àirde a deas Ulbha agus mu 15 cilemeatair bho Fhionnphort. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 26′ 50.53″ Tuath is 6° 15′ 40.39″ Iar.

Tha Colbhasa Beag mu 88 heactair ceàrnagach de mheud. 'S e Torr Mòr a’ bheinn as àirde anns an eilean, tha e 61 meatair (196 troigh) os cionn na mara. Anns a’ bhliadhna 1841 bha 16 daoine a’ fuireach ann an Colbhasa Bheag, ach chaidh am fuadachadh eadar 1846 is 1851.[2] Chan eil duine sam bith a’ fuireach anns an eilean an-diugh.

Is dòcha gun tàinig an t-ainm “Colbhasa Beag” bhon fhacal Seann Lochlannais "Koln-oy" a tha a’ ciallachadh Eilean Calum Cille neo Eilean Kolbein.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 80, Pàrlamaid na h-Alba
  2. 2.0 2.1 Haswell-Smith, Hamish (2008) The Scottish Islands, duilleag 88, Canongate, Dùn Eideann ISBN 9781847672773.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]