Led Zeppelin

O Uicipeid

Còmhlan-ciùil fìor mhath a chruthaich Roc Cruaidh leis a' chiad chlàr aca, Led Zeppelin I. Bha ceathrar ann, Jimmy Page na chluichdear giotàir, Robert Plant a' seinn, John Paul Jones air bass is air meur-chlàran agus John Bonham no Bonzo mar a chanadh cuid ris, air na drumaichean.

Thoisich iad ann an 1969 mar 'The Yardbirds Ur, as deidh dha an còmhlan den aon ainm a sgaradh, a' fàgail Page leis na còirichean airson an ainm. Thug iad orra 'Led Zeppelin' mar ainm as deidh fealla-dhà a rinn Keith Moon bho The Who nuair a thuirt e 'Thèid e sìos mar balùn luaidhe no (Led Zeppelin)'.

Chlàr iad a' chiad chlàr, Led Zeppelin I ann an trì seachdainean agus thoisich iad anns a' bhad air an dàrna chlàr, ris a chanar, Am Bombadair Donn no gu h-oifigeil Led Zeppelin II.

Mar a chaidh an Siar a ghlèidheadh[deasaich | deasaich an tùs]

Air feadh beatha a' chòmhlain, bha cliù nas motha aig Zeppelin ann an Aimeireaga na bha riamh ann am Breatainn fhèin. Chaidh am fiolm "The Song Remains The Same" ann am Madison Square Gardens. An-diugh, 'S e Stairway to Heaven a th' anns an òran a tha air a bhith ga chluich as trice air rèidio ann an Aimeirigea. Ann an "Hammer of the Gods", an leabhar mu dheidhinn a' chòmhlain, tha e air a dhèanamh a-mach gum faca Led Zeppelin na Stàitean mar àite far an robh iad saor is gun bacadh orra.

As deidh Zep[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a dh'eug Bonham, dhealaich an triùir mhaireannach, ag ràdh nach robh Led Zeppelin ann as aonais. Ach tha iad air thighinn còmhla ceithir tursan, airson a' chiad turas ann an 1985 airson Live Aid, airson 40 bliadhna de Clàran a' Chuain Siar, airson banais Jason Bonham, (Mac Bhonzo) agus nuair a chaidh an aontachadh mar bhuill de Thalla Cliù Rock agus Roll ann an 1992

Thàinig Page & Plant còmhla, as aonais John Paul Jones, ann an 1994 airson cuirm air MTV, air an robh Unledded agus rinn iad da chlàr, No Quarter ann an 1994 agus Walking into Clarksdale ann an 1998.

Clàran[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]