Leann nam biast
Tha leann nam biast (Beurla: beastie beer, wee beastie no dregs beer) ’na dheoch bhrachte Albannach a tha air a dhèanamh de bheirm, uisge agus trèicil agus/no siorap agus/no siùcar. Chan eil e cho cumanta an-diugh ’s a bhiodh roimhe ach bha e gu math cumanta air feadh na Gàidhealtachd is nan eileanan aig àm.
Ainmean
[deasaich | deasaich an tùs]Bha diofar ainmean air a-rèir sgìre, a’ gabhail a-staigh:
- leann nan grìosagan (Leòdhas)
- leum nam biast (Uibhist)
- leann nam biastagan
- leann-deasgainn
- leann-trèicil
- leann nam biastagan (Uibhist)
Tha cuid dhe na h-ainmean ag ainmeachadh biastagan a chionn ’s gun robh coltas air an leann mar gun robh biastagan beaga a’ gluasad mun cuairt sa bhotal nuair a bhathar ’ga ghrùdadh.[1]
Ceimigeachd
[deasaich | deasaich an tùs]A bharrachd air uisge agus adhbhar siùcair air choireigin, mar is trice trèicil no deasgainn à taigh-staile uisge-beatha, ’s e rud air a bheil plannt leanna-dhinnsear a nì leann dheth. Chan e lus a tha sa phlannt leanna-dhinnsear ach measgachadh dhen fhungas Saccharomyces florentinus (S. pyriformis roimhe) agus am baicteir Lactobacillus hilgardii (air an robh Brevibacterium vermiforme roimhe),[2][3] a nì SCOBY còmhla, ach uaireannan cleachdar beirm fuineadair àbhaisteach cuideachd.
Cha tèid a tharraing idir (sin as adhbhar nach eil e an aghaidh an lagha a dhèanamh ann an Alba) agus nuair a bhios e deiseil gus òl, cha bhi ach eadar 1.5% agus 2% a dh’alcol ann.
Bheireadh seo mu thrì seachdainean.[4]
Ann am beul-aithris
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an leann seo a’ nochdadh ann am beul-aithris an-siud ’s an-seo, mar eisimpleir ann an Òran na Curracaig le Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich san rann mu dheireadh:
- Chan eil bàrd sa bhaile seo
- Neo anns a’ bhaile ud shìos
- Nach cuirinn-sa mo ghealladh ris
- Gum feannainn thu gun sgian
- Tha thu searbh ri èisteachd riut
- ’S cho geur ri leann nam biast
- ’S b’ fhearr leam gu robh goinean riut
- Mun coinnich thu rium riamh.[5]
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ "Black Isle Heritage Memories - Hermione Protheroe". Am Baile. 2010. Retrieved 19 dhen Ghearran 2017.
- ↑ "Ginger — ginger beer plant". Plant Cultures. 16 June 2006. Retrieved 2012-09-15.
- ↑ "Lactic Acid Beverages: sour beer, (milk) & soda" (PDF). 22 June 2006. Retrieved 2006-12-06.
- ↑ "Memories of Life on the Croft". County Sutherland Family History. 6 dhen Mhàrt 2010. Retrieved 19 dhen Ghearran 2017.
- ↑ "Òran na Curracaig". Tobar an Dualchais. Retrieved 19 dhen Ghearran 2017.