Las Palmas (provincia)

O Uicipeid
Las Palmas
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Prìomh-bhaile Las Palmas de Gran Canaria
Stèidhichte 1833
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 4,066 km²
Àireamh-shluaigh 1,096,980 (2014)
Dlùths 269.79/km²
Àireamh fòn + (928)

'S e provincia na Spàinne a tha ann an Las Palmas. Tha e na laighe anns Na h-Eileanan Canàrach, air an àirde an iar-dheas na dùthcha thall sa Chuan Shiar. 'S e Las Palmas de Gran Canaria a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh nan Eilean Canàrach i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Las Palmas fad 9 eilean no 4,066km²[3] agus tha 1,096,980 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 46mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 12mh a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Santa Cruz de Tenerife an aon roinn a tha faisg oirre o chionn' s gur e eileanan a th' ann.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  2. Constitución Española de 1978
  3. Infoalso
  4. Classora
  5. Instituto Geográfico Nacional