Laksaa

O Uicipeid

Is baile beag suidhichte air taobh sear Ellan Vannin (Mhanainn) a tha ann an Laksaa. Tha cala bheag aig a' bhaile, a bha uaireigin as-portadh luaidh agus sinc o meinnichean ann an Glen Laksaa. Tha Rathad Iarainn Dealanachd Mhanainneachd a ruith tro a' bhaile, agus is ann an Laksaa a tha bun-steisean Raad-Yiarn Snaiull (Rathad-iarainn Snaiuil) a ruitheas gu mullach Snaiuil, beinn 2,063 troighean 's an aird, agus an aite b'airde air an eilean. Tha am baile ainmeil airson cuibhle-uisge mòr don ainm "An Leadaidh Isabella" neo Cuibhle Laksaa. Dhealbh innleadair don ainm Robert Casement an Roth-uisge seo, air an deach togail ann an 1854. Is i an cuibhle-uisge bu mhor 'san t-saoghal a tha anns an Leadaidh Isabella. Cuibhle cul-stealla a tha innte. Tha tras-tomhais de 72 troighibh oirre agus tha a bucaidean 6 troighean anns an leathad. Cuibhle taosgaidh a tha innte, air an robh dleasdanas a thogail uisge as na trannsaichean b'isle de na meinnean ceithreamh mile nas fhada suas a' ghlinne.

Cuibhle Laksaa