La Palma (eilean)
Coltas
'S e eilean Spàinnteach agus aon de na h-Eileanan Canàrach a tha ann an La Palma, ainm fada: Isla de La Palma. Tha e suidhichte anns a’ Chuan Siar.
Tha La Palma cho farsaing ri 706 cilemeatair ceàrnagach. Tha e 42 cilemeatair a dh’ fhad agus 28 cilemeatair a leud. Anns a’ bhliadhna 2007 bha 85.933 de shluagh ann.
'S e Santa Cruz de La Palma na phrìomh-bhaile, ach 's e Los Llanos de Aridane am baile as motha an eilein.
Tha Pàirc-nàiseanta ann ris an canar Parque Nacional de la Caldera de Taburiente.