Lùth ath-nuadhachail

O Uicipeid

’S e a th’ ann an lùth ath-nuadhachail ach lùth a thig bho thùsan a thèid nuadhachadh rè ùine ghoirid. Mar eisimpleir: solas na grèine, a’ ghaoth, an t-uisge, an seòl-mara, stuadhan, is lùth geothermal. Chleachdar an lùth ath-nuadhachail an àite chonnaidhean àbhaisteach ann an ceithir raointean eadar-dhealaichte mar a leanas: dealan a chruthachadh dhan ghriod, uisge is seòmraichean a bhlàthachadh, connadh nan càraichean, agus dealan airson sgìrean iomallach aig nach eile ceangal ris a’ ghriod nàiseanta.

Thig mu 16% den lùth a thathas a’ chleachdach air feadh an t-saoghail bhon lùth ath-nuadhachail. Thig 10% den lùth gu lèir bhon bhith-thomad, (a’ mhòr chuid ga chleachdadh airson blàthachadh) is 3.4% bho dealan-uisge. Aig an ìre nàiseanta, tha co-dhiù 30 nàiseanan ann a chleachdas an lùth ath-nuadhachail airson cuibhrean nas àirde na 20% den lùth aca. Creideas gum meudaich a’ mhargaid airson an lùth ath-nuadhachail gu luath rè an dheicheid a tha romhainn. Tha an cumhachd gaoithe a’ meudachadh 30% gach bliadhna.

Tha tòrr dhùthchannan coimeasach lùth ath-nuadhachail a chruthachadh ach cha tèid connaidhean àbhaisteach mar ola no gas a lorg ach ann an àireamh bheag de dhùthchannan. Tha gach dùthaich ag iarraidh “energy security” - tèarainteachd a thaobh connaidh. Tha tèarainteachd againn ma tha sinn a’ lorg no a’ cruthachadh connaidh anns ar dùthaich-ne fhèin. A bharrachd air sin, tha dragh air a h-uile duine mu atharrachadh na gnàth-shìde agus chan eil buaidh an lùtha ath-nuadhachail air an gnàth-shìde cho dona ri connaidhean traidiseanta. Tha buannachd eile do dhùthaich a tha a’ leasachadh lùtha ath-nuadhachail airson ’s gun tèid obair ùr a chruthachadh agus nach bi an connadh cho daor. Chaidh suirbhidhean poblach a dhèanamh mun lùth ath-nuadhachail agus bha a’ mhòr chuid de dhaoine a’ cur taice ri leasachadh nan goireasan seo.

Fiù ’s gu bheil cuid de na goireasan seo mòr, ’s urrainn dhuinn ionadan beaga a chruthachadh - ionadan a tha freagarrach do bhailtean beaga is iomallach. Tha goireasan a tha a’ cruthachadh lùth ath-nuadhachail freagarrach do dhùthchannan anns an Treas Domhan cuideachd. Thuirt Ban Ki-moon, ceannard nan Nàiseanan Aontaichte, gu bheil na goireasan lùth ath-nuadhachail coimeasach na dùthchannan as bochda a thogail do shoirbheas.

Lùth ath-nuadhachail ann an Albainn[deasaich | deasaich an tùs]

Bho thòiseach an 21mh linn tha deasbad mòr mun lùth ath-nuadhachail air chois. Tha coimeasan iongantacha aig Albainn gus lùth ath-nuadhachail a chruthachadh an coimeas ris an chòrr den Roinn Eòrpa no eadhon ris an t-saoghal gu léir. Tha Alba gu sònraichte beartach a thaobh cumhachd bhon ghaoith, bho na tonnan is bhon làn-mara.

Aig deireadh 2012 thàinig 40.3% de dhealan na Albann bho ghoireasan lùth ath-nuadhachail agus chaidh 36% de lùth ath-nuadhachail na Breatainne a chruthachadh ann an Albainn. Ann an 2012 cuideachd, reic Alba barrachd air 26% den lùth ath-nuadhachail aice a-null thairis.

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]