Làmh-sgrìobhainnean Dvůr Králové agus Zelená Hora
'S e làmh-sgrìobhainnean Seiceach a th' ann an Làmh-sgrìobhainnn Dvůr Králové agus ann an Làmh-sgrìobhainn Zelená Hora (Rukopis Královédvorský a Zelenohorský ann an Seicis). Bhathar den bheachd gum b’ e cruinneachaidhean de sheann bàrdachd Shlàbhais a bh’ annta, ach anns an latha an-diugh, thathar den bheachd gur e meall-sgrìobhaidheann a th' annta. Tha connspaid mhòr air a bhith ann a thaobh ùghdarralas nan làmh-sgrìobhainnean, gu math coltach ri connspaid mu bàrdachd Oisein ann an Alba. Thug bàrdachd Oisein buaidh mhòr air an dà làmh-sgrìobhainn seo. Bha an dà làmh-sgrìobhainn anabarrach cudromach anns a' chultar Seiceach ann an 19mh linn.
Làmh-sgrìobhainn Dvůr Králové
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an làmh-sgrìobhainn a lorg ann an Dvůr Králové (baile mòr a tha a-nis ann an ceann an ear Poblachd na Seice, ann an 19mh linn ann an Ìompaireachd Ostaireach-Ungaireach), ann an stìoball na h-eaglaise air 16mh latha den t-Sultain 1817. Bha 14 dàin ann: 6 duain-mhòra ("Oldřich", "Beneš Heřmanóv", "Jaroslav", "Čestmír a Vlaslav", "Ludiše a Lubor", "Záboj") agus 8 dàin eile ("Zbyhoň", "Jelen", "Kytice", "Jahody", "Róže", "Žezhulice", "Opuštěná", "Skřivánek"). An toiseach, bhathar ag ràdh gun deach na dàin a sgrìobhadh ann an 13mh linn, ach anns an latha an-diugh thathar den bheachd gur e meall-sgrìobhainn a th' ann a chaidh sgrìobhadh le fear Václav Hanka ann an 19mh linn.
Làmh-sgrìobhainn Zelená Hora
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh an làmh-sgrìobhainn a lorg aig a' chaisteal ann an Zelená Hora (baile ann an ceann an iar Poblachd na Seice, ann an 19mh linn ann an Ìompaireachd Ostaireach-Ungaireach) ann an 1817. Tha dà dhàn ann: Sněmy agus Libušin soud (Breitheanas Libuše). An toiseach, bhathar ag ràdh gun deach na dàin a sgrìobhadh ann an 9mh no 10mh linn, ach anns an latha an-diugh thathar den bheachd gur e meall-sgrìobhainn a th' ann a chaidh sgrìobhadh le fear Josef Linda. Tha an stòiridh mu dheidhinn bana-phrionnsa Libuše a' nochdadh ann an tùsan eile cuideachd. Sgrìobh an co-ghleusaiche ainmeil Seiceach, Bedřich Smetana, opara Romansach leis an ainm Libuše.