Là na Gogaireachd

O Uicipeid

Tha Là na Gogaireachd air a comharrachadh gach chiad den Ghiblean. Tha daoine air a bhith a’ dèanamh phlòighean is air a bhith a sgaoileadh fhathannan ceàrr. ’S e Gogairean a th’ air an luchd-fulaing agus air an fhealla-dhà fhèin. Nuair a bhios an duine a rinn a’ phlòigh deiseil rithe, èighidh esan no ise ‘Is tusa an gogaireachd!’.

Foillsichidh cuid de na pàipearan-naidheachd is irisean sgeulaichean meallta a thèid a mhìneachadh an ath latha no aig bonn na duilleige ann an litreachan glè bheag. Tha aon fhealla-dhà ainmeil a rinn a’ BhBC ann an 1957. Bha iad a’ craoladh film a thug ri chreidsinn gun robh na tuathanaich anns an Eilbheis air a bhith a’ buineachadh spaghetti ùr anns na pàircean aca. Fhuair a’ BhBC tòrr dh’iarrtasan bho dhaoine a dh’iarr lusan spaghetti a cheannach. B’ e plòigh glè shoirbheachail a bh’ ann. Nochd cleas air Là na Gogaireachd ann am Prògram Choinnich ann an 1997 a bha ag ràdh gum faigh luchd-bruidhinn na Gàidhlig tarsainn drochaid an Eilein Sgitheanaich gun chìsean a phàigheadh.[1]

Dh’fhàs an latha seo nòsarach anns an naoidheamh linn deug is chum e a’ dol chun an latha an-diugh. Ach chan e saor-là poblach a th’ ann ann an dùthaich sam bith.

Ticead às a' bhliadhna 1857 "Washing the Lions" ann an Lunnainn.

Ach, ’s e beachd glè aosta a th’ anns an nòs a bhith a’ cumail aon latha gach bliadhna airson phlòighean. Bha fèis Ròmanach ann air an robh an t-ainm ‘Hilaria’.

Lorgaidh sinn a’ chiad iomradh air a’ cheangal eadar a’ chiad là den Ghiblean is na gogaireachdan anns an leabhar le Geoffrey Chaucer – The Canterbury Tales (1392). Nas anmoiche, rinn John Aubrey iomradh air a’ chiad là den Ghiblean 1686 mar “Fooles holy day”. Chaidh grunn duine a mhealladh air an latha seo ann an 1668 is air sàillibh seo, chaidh iad gu Tùr Lunnainn gus a sealltainn air nigheadaireachd nan leòmhannan. Bha an t-ainm ‘Huntigowk Day’ air an latha seo ann an Alba. Thàinig an t-ainm seo bho “Hunt the Gowk”. ’S e cuthag a th’ ann an Gowk. Tha an t-ainm ‘Là Ruith na Cuthaige’ oirre cuideachd anns a’ Ghàidhlig.[2]

Tha meas air an latha seo aig daoine ann an tòrr dhùthchannan. Anns an Fhraing, an Eadailt, a’ Bheilg, na Tìrean Ìsle is sgìrean ann an Canada is Eilbheis far a bheil Fraingis air a bruidhinn, ’s e poisson d’ Avril (Fraingis), aprilvis (Duitsis) is pesce d’ aprile (Eadailtis) a th’ aca air an latha seo.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Program Choinnich(Gàidhlig). Tobair an Dualchais. Air a thogail 3s dhen Mhàrt 2017.
  2. Là Ruith na Cuthaige”. Am Faclair Beag. Air a thogail 3s dhen Mhàrt 2017.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]