Kópavogur
Kópavogur
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Sgìre | Höfuðborgarsvæðið | ||||
Co-chomharran | 64° 6' 39 Tuath 21° 56' 21 I | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 80 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 36,975 (2019) | ||||
Dlùths | 462.19/km² | ||||
Àireamh fòn | + 354 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile air an àirde an iar Innis Tìle a th’ ann an Kópavogur (IPA: ˈkʰoːupavɔɣʏr̥). Tha e suidhichte faisg air Reykjavík, dìreach aig ìre na mara,[1] san roinn Höfuðborgarsvæðið (Roinn a' phrìomh-bhaile), eadar Loch Ellidavatn agus a' muir, 386km air falbh bho Akureyri agus 47km bho Selfoss.[2] Tha 36,975 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] 'S e an dara baile as motha na dùthcha an dèidh Reykjavík a th'ann an Kópavogur. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðvesturkjördæmi.[4]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Kópavogur a chlàradh airson a'chiad turais ann an 1523 agus bha e a gairm na bhaile ann ann 1948. B' ann ann an 1662 ann an Kópavogur a thug An Danmhairg greim air Innis Tìle, nuair thug an t-Easbaig Brynjólfur Sveinsson agus a fear-lagh Árni Oddsson an cuid ainmean gu sgrìobhain a ghabhadh ri monarcachd.[5] Chaidh am fiolm Sumarlandið (Tìr an t-Samhraidh) fhiolmadh an seo ann an 2010.[6] Chaidh Flokkur Fólksins, partaidh poileatagach na làimhe chlì, a stèidheachadh an seo ann an 2016. Thogadh Björk Guðmundsdóttir an seo.
Freumh-fhaclachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm a' ciallachadh Òb nan Ròn sa chànan aca, bho Kópar (Ròn) agus Vogur (Òb).
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Emilíana Torrini (1977): Ceòladair.
- Sverrir Ingi Ingason (1993): cluicheadair ball-coise.
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Falling Rain
- ↑ Global Feed Distance Calculator
- ↑ Hagstofa Íslands
- ↑ Alþingi
- ↑ Lacy, Terry G. (2000). Ring of Seasons: Iceland--Its Culture and History. University of Michigan Press. p. 210. ISBN 0-472-08661-8.
- ↑ IMDB