Jump to content

Kalmarsund

O Uicipeid
Kalmarsund
Suidheachadh
Ainm dùthchail Kalmarsund
Seòrsa Caol
Fad 130km
Leud 25km - 5km
Mòr-roinn Roinn-Eòrpa
Dùthaich An t-Suain
Làrach-lìn Miljö

'S e caolas ann an ceann a tuath na Roinn-Eòrpa a th' ann an Kalmarsund (IPA na Suainis: kalmarˈsɵnːd). Tha e suidhichte eadar an t-eilean Öland agus an roinn Kalmar län anns an t-Suain. Tha an Caolas 130km a dh'fhaide agus eadar 25km agus dìreach 5km a leud. Chan eil an Kalmarsund idir domhainn, dìreach 16.5m aig a' char as lugha.[1] Chan e muir gu math saillte a th' ann nas motha, leis gu bheil uisgeachan na Baltaich a' sruthadh ann. Tha e coltach gur ann à Kalmarnir (Gàidhlig: clach) agus sund (caol) ann an Suainis, a tha an t-ainm.[2] Bheireadh sin Caolas na Cloiche dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Thogadh drochaid tarsainn a' Chaolais ann an 1972.[3] B' e an drochaid na b' fhaide na Roinn-Eòrpa a bh' innte, gus a thogadh an Drochaid Vasco da Gama sa Phortagail ann an 1998.[4] Dhearbhaich rannsachadh a chaidh a dhèanamh san sgìre mu timcheall a' Chaolais gu robh daoine a' fuireach ann seo fiù's ann an Nuadh Linn na Cloiche, o chionn còrr is 10,000 bliadhna.[5] Bha corra bhaile ann sa Linn an Umha mar-thà. A bharrachd air sin, tha a h-uile coltas ann gun deidheadh treubhan thar a' Chaolais tro Mheadhan Linn na Cloiche cuideachd, nuair a bha drochaid-deighe ann tron Holoisein, is na h-eighean-shruth a' crìonadh agus a' falbh bho Öland, far an robh baile ann faisge air Alby. Thàinig na daoine thar a' Chaolais mu 6,000 RC, is iad a' stèidheachadh fear dhen na tuineachaidhean na b' aosta ann an ceann a tuath na Roinn-Eòrpa.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Sjöfartsverket
  2. Runeberg
  3. Structurae
  4. Lusoponte
  5. Thomas B. Larsson, The Bronze Age Metalwork in Southern Sweden, 1986, Umeås Universitet, ISBN 91-7174-229-8