Jönköping
Coltas
Jönköping
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Jönköpings län | ||||
Sgìre | Småland | ||||
Co-chomharran | 57° 46 58′ Tuath 14° 09 38′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 19.95 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 133,310 (2015) | ||||
Dlùths | 6,682.21/km² | ||||
Àireamh fòn | (+46) 36 | ||||
Duilleag oifigeil | http://jonkoping.se/ |
‘S e baile mòr agus sgìre-riaghlaidh ann an ceann a deas na Suaine a th’ ann an Jönköping (IPA: lɪnːˌɕøːpɪŋ). Tha e suidhichte leth shligheach eadar Linköping agus Göteborg, ri taobh Loch Vättern,[1] anns an sgìre Jönköpings län, 190km air falbh bho Uppsala agus 177km bho Stockholm.[2] Tha 133,310 duine a' fuireach ann, 89,396 sa bhaile fhèin.[3]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e coltach gur ann à junabœkker (cnoc na h-ògmhios) agus am facal köping (margaidh) a tha an t-ainm.[4] Bheireadh sin Fèil na h-Ògmhios dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. 'S e co-dhàimh leis a' Bheurla chipping/shopping agus a' Ghearmailtis kaufen a th' ann.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1278. Chaidh Oilthigh Jönköping a stèidheachadh an seo ann an 1977.[5]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- John Bauer: (1882 - 1918) Neach-ealaine.
- Dag Hammarskjöld: (1905 - 1961), Riochdaire dioplòmasach.
- Agnetha Fältskog: (1950) Seinneadair agus ceòladair.[6]