Joseph Smith Jr
B' e fàidh is searmonaiche a bha ann an Joseph Smith Jr.
Rugadh e air 23 an Dùbhlachd 1805 ann an Vermont. Is esan a stèidhich an gluasad Eaglais Ìosa Chrìost de Naoimh an Latha mu Dheireadh, ris an canar cuideachd Mormonism anns a' Bheurla. Le sin b' e duine cudromach a bh' ann a thaobh poileataigs agus creideimh anns na 1840an. Thòisich e air creidmhich a chruinneachadh às dèidh dha aingeal a shealltainn dha truinnsearan òir a mhìnich ceilidh Ìosa aig na tùsanaich Ameireaganach. Ann an 1830 dh'fhoillsich Smith Leabhar Mhormoin bho phìos a chunnaic esan mar eadar-theangachadh de na truinnsearan sin. San aon bhliadhna stèidhich e Eaglais Chrìost.
Chuir paca peilearan ann is anns a bhràthair nuair a bha iad ann am prìosan ann an Illinois is bhàsaich e air 27 an t-Ògmhios 1844.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “BBC - Religions - Mormon: Joseph Smith”. BBC. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2018.