Jump to content

Jan von Werth

O Uicipeid
Jan von Werth
Beatha
Breith Büttgen, 1591
Dùthaich  A' Ghearmailt
Bàs Benátky nad Jizerou (en) Translate, 12 dhen t-Sultain 1652
Foghlam
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd mercenary (en) Translate
Seirbheis san arm
Ìre oifigeach coitcheann
Strì Cogadh nan Trithead Bliadhna

'S e seanailear Gearmailteach a th' ann an Johann Graf von Werth (Büttgen, 1591 - Benátky nad Jizero, 12 an t-Sultain 1652), air a bheil gu h-àbhaisteach Jan von Werth.

Sgeulachd Jan is Griet

[deasaich | deasaich an tùs]

Mar dhuine òg bochd aig àm a’ Chogaidh Deich Bliadhna air Fhichead bha Jan von Werth a’ fuireach ann an Köln. Ged a bha e bochd, bha e miannaich air adhartas. Ghabh e gaol air Griet, caileag bhòidheach a bha na searbhanta ann an taigh ceannaiche bheartaich. Thathar ag ràdh gum faca e i a’ chiad turas nuair a bha e a’ coimhead às dèidh nan each anns a’ mhargadh far am biodh ise a’ ceannach a' bhìdh gach latha. Bha esan ag iarraidh a pòsadh, ach b’ e ceannaiche ris an robh dùil aicese pòsadh na àite, agus chuir i air falbh e.[1]

Às dèidh dhi a dhiùltadh, ghabh e san arm agus shiubhail e tron Roinn-Eòrpa, cho fad air falbh bho Chologne agus bho Ghriet ’s a b’ urrainn dha faighinn. B’ e saighdear talanta calma a bh’ ann agus ri tìde dh’ fhàs e gu math ainmeil. Thòisich e mar shaighdear-choise cumanta ach aig deireadh a’ chogaidh b’ e seanailear-eachraidh a bh’ ann. Fhuair e buaidh mhòr air na Fraingich aig Caisteal Ehrenbreitstein air an Rhine faisg air Koblenz, a dh’fhosgail an Rhine airson malairt a-rithist. Bha seo uabhasach cudromach do Chologne agus às an adhbhar sin thill e mar ghaisgeach dhan bhaile.

Bha a h-uile duine air chois gus an gaisgeach fhaicinn, bha geataichean a’ bhaile fosgailte, agus esan a’ marcachd gu moiteil air each àrd tron bhaile thaingeil. Nuair a ràinig e an dearbh ionad-margaidh air an robh cuimhne aige à làithean òige, mhothaich e cailleach-margaidh ìosal a’ reic meas ri taobh an rathaid. Cha chreid e a dhà shùil – b’ e Griet a bh’ ann.

Choimhead e sìos oirre agus thuirt e, ann an cànan ionadail Chologne, ‘ Jriet, wä et hätt jedon!’ -'Griet, nam biodh tu air a dhèanamh!' (=Nam biodh tu air mo phòsadh.) Ars ise, ‘ Jan, wä et hätt jewoss!’ - Jan, nam biodh dìreach fios air a bhith agam!

Agus cha robh dùnadh sona aig an sgeul - thathar ag ràdh gun do mharcaich e na b' fhaide is dh'fhàg e i às dèidh sin agus nach fhaca i a-rithist e.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Köln