Jump to content

Seumas Mac a' Phearsain

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o James Macpherson)
Seumas Mac a' Phearsain
member of the 15th Parliament of Great Britain (en) Translate


member of the 16th Parliament of Great Britain (en) Translate


member of the 17th Parliament of Great Britain (en) Translate

Beatha
Breith Ruadhainn, 27 dhen Dàmhair 1736
Dùthaich  Alba
Bàs Siorrachd Inbhir Nis, 17 dhen Ghearran 1796
Àite-adhlacaidh Abaid Westminster
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd bàrd, sgrìobhadair agus neach-poileataigs
Far-ainmean Ossian
Seumas Mac a' Phearsain leis an Ridire Joshua Reynolds

B' e sgrìobhadair Albannach agus neach-poileataigs a bha ann an Seumas Mac a' Phearsain no Seumas MacMhuirich (Beurla: James Macpherson) (27 an Dàmhair 1736 ann an Ruadhainn, a' Ghàidhealtachd - 17 an Gearran 1796). Tha e ainmeil mar "eadar-theangaiche" de bhàrdachd Oisein (Ossian).

Gearasdan Ruadhainn ann am Bàideanach

Rugadh Mac a' Phearsain ann an Inbhir Tromaidh, Ruadhainn ann am Bàideanach, agus bha Gàidhlig aige bho thùs. Mar a mhìnich Ruaraidh MacThòmais, "balach a chaidh a thogail faisg air gearasdan Ruadhainn ann am Bàideanach, far an deach an t-arm Seumasach ma sgaoil an dèidh Blàr Chuil-lodair, chan eil rian nach biodh e eòlach air a' chreich 's air a' bhriseadh-dùil a dh' fhuiling na Gàidheil an dèidh Bliadhna Theàrlaich."[1] Chaidh e gu sgoil-pharaiste ann an Ruadhainn, is an uair sin gu sgoil-ghràmair ann an Inbhir Nis. Bho 1753 a-mach chaidh e don King's College ann an Obar Dheathain agus an uair sin do dh'Oilthigh Dhùn Èideann. Cha d' fhuair a ceum agus ann an 1756, thill e do Ruadhainn agus bha e a' teagaisg anns an sgoil-pharaiste. Mu 1758, chaidh e do Dhùn Èideann a-rithist agus fhuair a dreuchd mar oide-ionnsachaidh ann an teaghlach uasal, Graham of Balgowan. Anns na 1760, dh'fhàs e ainmeil mar eadar-theangaire agus deasaiche bàrdach Oisein. Ann an 1764, fhuair Mac a' Phearsain dreuchd mar rùnaire àrd-riaghladair Mór-roinntean an Iar, agus chaidh e a dh' Aimeireaga. Bha e ann airson dà bhliadhna agus thadhail e air Na h-Innseachan an Iar. Thill e ann an 1766 agus ghabh e còmhnaidh ann an Lunnainn. Bha e ag obair airson an riaghaltais agus cuideachd airson Iain Mac a' Phearsain (às an Eilean Sgitheanach bho thùs) a bha na àrd-riaghladair Na h-Innseachan aig an àm seo. Ann an 1780, fhuair Mac a' Phearsain àite anns a' Phàrlamaid agus bha e na bhall Phàrlamaid gu 1796. Bha Mac a' Phearsain beartach dha-rìribh, cheannaich e fearann ann am Bàideanach agus thog e taigh mòr spaideil ann, leis an ainm Balavil. Bha deagh chliù aige mar uachdaran, oir bha e fialaidh agus fiùghantach.[2] Nuair a bhàsaich e ann an 1796, chaidh a thìodhlacadh ann an Abaid na h-Iar-mhanachainn (Westminster).

Thòisich e bàrdachd a sgrìobhadh ann am Beurla, mar eisimpleir dàn gaisgeil "The Highlander" ann an 1758, ach cha deach mòran dhiubh foillseachadh.

Leabhraichean eachdraidh

[deasaich | deasaich an tùs]
  • An Introduction to the History of Great Britain and Ireland (1771)
  • Papers Concerning the Secret History of Great Britain (1775)
  • History of Great Britain from the Restoration to the Accession of the House of Hanover (1775)

Eadar-theangachaidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Illiad (1773)
"Oisean" le François Gérard

Ann an 1759, thachair Mac a' Phearsain ris an t-Urr. John Home, sgrìobhaiche-dràma ainmeil, aig an robh ùidh mhòr ann an seann bhàrdachd Ghàidhlig.[2] Bha Home ag iarraidh air Mac a' Phearsain dàin Ghàidhlig eadar-theangachadh gu Beurla. Ged a bha Mac a' Phearsain aindeonach an toiseach, dh'eadar-theangaich e corra dàin. Chòrd iad ri John Home gu mòr, ris an Dr Hugh Blair agus ri daoine cumhachdach foghlamaichte eile, agus mhol iad do Mhac a' Phearsain leabhar slàn a chuir ann an clò.[2] B' e sin Fragments of Ancient Poetry a nochd ann an 1760.

Ann an Lùnastal 1760, rinn Mac a' Phearsainn turas gu math farsaing air feadh na Gàidhealtachd, air siorrachdan Pheairt, Earra-Ghàidheil is Inbhir Nis, air Muile, Uibhist is air an Eilean Sgitheanach, is e a' cruinneachadh làmh-sgrìobhainnean agus beul-aithris. Bha na leabhraichean Fingal, an Ancient Epic Poem in Six Books (1761), Temora (1763) agus The Works of Ossian (1765) ga leantainn.

Fhuair iad cliù mar obair den òranaiche Gàidhealach Oisean. Bhathar den bheachd gum b’ e cruinneachadh de sheann beul-aithris a bh’ annta, a lorg Macpherson air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan Siar. Chaidh na leabhraichean eadar-theangachadh ann an cànain Eòrpach eile, far an robh iad tarraingeach don luchd-leughaidh cuideachd agus a’ leantainn do àm Romansach. Leis an ùidh ann an Oisean dh'atharraich an t-ainm "Erse" gu Gàidhlig airson Gàidhlig na h-Alba. [3]

Bha deasbad mòr ann mu Oisean agus dè cho fìrinneach 's a bha obair Mhic a' Phearsain, an-diugh thathar den bheachd gun do sgrìobh Mac a' Phearsain a' bhàrdachd leis fhèin. Ann an 1952, dh'fhoillsich Ruaraidh MacThòmais an leabhar The Gaelic Sources of MacPherson's "Ossian", anns a bheil e a' sgrùdadh nan tùsan Gàidhlig a bha Mac a' Phearsain a' cleachdadh.

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Mac a' Phearsain eòlach air Iain Stiubhart, 3mh Iarla Bhoid. Nuair a chaidh Temora fhoillseachadh, choisrig Mac a' Phearsain an leabhar do Iarla Bhoid. Ann an 1764, fhuair Mac a' Phearsain dreuchd mar rùnaire àrd-riaghladair Mór-roinntean an Iar, agus chaidh e a dh' Aimeireaga. Bha e ann airson dà bhliadhna agus thadhail e air Na h-Innseachan an Iar. Thill e ann an 1766 agus ghabh e còmhnaidh ann an Lunnainn. Bha e ag obair airson an riaghaltais. Ann an 1780, fhuair e àite anns a' Phàrlamaid agus bha e na bhall Phàrlamaid gu 1796, nuair a bhàsaich e.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. MacThòmais, Ruaraidh. "Seumas Mac a' Phearsain." Ainmeil an Eachdraidh. Deas. le Ruaraidh MacThòmais. Glaschu: Gairm, 1997. d. 88
  2. 2.0 2.1 2.2 Cheape, Ùisdean. "The Culture and Material Culture of Ossian, 1760-1900". Scotlands 4.1 1991. d. 3.
  3. Withers, C. (1984) Gaelic in Scotland 1698 to 1891: the geographical history of a language. Dùn Èideann: John Donald Publishers Ltd. ISBN 0859790979

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: