Jump to content

Itagüí

O Uicipeid
Itagüí
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1569m
Co-chomharran 6° 09' Tuath
75° 38' Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 235,016 (2005)
Duilleag oifigeil Comhairle a' Bhaile

'S e baile-mòr anns A' Ghleann Aburrá, ann an Antioquia,[1] Coloimbia, a th' ann an Itagüí (IPA:itaˈɡwi). Tha e dìreach ri taobh Medellín, prìomh-bhaile na roinne. 'S e fear dhe na deich bailtean ann an Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín agus 's e baile uabhasach gnìomhasachail a th' ann. Tha am baile suidhichte aig 1,569m os cionn ìre na mara.[2] 'S e Itagüí an 26mh baile as motha na dùthcha.[3] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1774.[4]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil e cho cinnteach cò às a thàinig ainm a' bhaile, ach 's e ainm gu math Tùsanach a th' ann. Tha feadhainn ag ràdh gur e às na faclan ita (clach) agus gui/guei (fo) ann an Cànan nan Nutabe,[5] an tuath a bha nam tàmh an seo ro àm nan Spàinnteach. Saoil feadhainn eile gur e dìreach an t-ainm pearsanta Bitagüí', a bha air ceann-feadhna nan Nutabe, neo fiù 's ainm an tuatha a th' ann.

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a tha 235,016 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 21,779 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Itagüí (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann agus 6.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 95,1% dhe na daoine ann an Itagüí leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 94,7% dhe na dachannan.[8]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Itagüí. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Eladio Vélez (1897 - 1967). Dealbhadair.

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Itagüí

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa oifigeil na roinne[dead link]
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Bailtean as motha na dùthcha
  4. Fiosrachadh a' Chomhairle[dead link]
  5. Enciclopedia de Antioquia[dead link]
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Coloimbia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: