Jump to content

Inneal-siubhail

O Uicipeid
Inneal-siubhail

Ann an co-theacsa de rathad-iarainn is e a tha ann an inneal-siubhail, inneal-tarruinn dealbhaichte a tharruinn trèanaichean de uaganan (carabadan-bathair).

Anns an fharsainneachd, tha trèanaichean-bathair nas troma na trèanaichean airson siubhalaich agus cha ruith iad cho luath. Cho tràth ri meadhan nan 1830'n thòisich innleadairean rathad-iarainn a dhealbh innlean-tarruinn gu sònraichte airson trachdadh bhathair. Fhreagair innlean le siolandairean mora, cuibhlichean beaga agus caraidean cuibhle-iomain cho-cheangailte ri trachdadh-bhathair.

Is ann mar sin a bha inneal-bathair "clasaigeach" na Breatuinn uidheamaichte le sia cuibhle co-cheangailte, nach eil ach 5 troigh neo 5 troigh agus 3 oirlich thairis. Bha clasaichean J37 & J39 den Rathad-Iarainn Breatuinn a' Thuath na deagh eisimpleirean den seòrsa inneal seo.

Tha na h-innealan dealan-deiseil Clas 66 agus Clas 70 de English Welsh & Scottish Railways na h-eisimpleirean de innlean-bathair s'an latha an diugh.