Jump to content

Inbhir Lìobhann

O Uicipeid
Inbhir Lìobhann

Suidheachadh
Inbhir Lìobhann is located in Alba
Inbhir Lìobhann
Inbhir Lìobhann (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Fhìobha
Siorrachd Fìobha
Co-chomharran 56° 11′ 46″ Tuath
2° 59′ 48″ Iar
Comharradh-clèithe NO382008
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 9,004 (2011[1])

'S e baile ann am Fìobha a tha ann an Inbhir Lìobhann[2][3] (Beurla: Leven). Tha e na laighe air Abhainn Lìobhann, faisg air Cair Chaladain.

Tha turasachd na phàirt mhòr dhen eaconomaidh a' bhaile. Tha làrachan charabhanaichean ann an agus faisg air a' bhaile, agus taighean-òsta cuideachd.

Tha na tràighean gainmheil agus fada na phàirt Fife Coastal Path, a thèid a barrachd air 150 mìltean (240 km) bho Linne Foirthe do Linne Tatha. Tha slighean ann an Gleann Lìobhann agus Silverburn cuideachd.

Bha stèisean-rèile ann. Ath-fhosglaidh an loidhne eadar Inbhir Lìobhann agus Gleann Rathais a-rithist is Mìcheil MacMhathain an duil gun tachras seo ann an còig bliadhna.[4]

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Charles Augustus Carlow FRSE (1878–1954) innleadair mèinnearachd
  • David Gibb FRSE (1883–1946) neach-matamataig agus reul-eòlaiche
  • Prof Alexander Robert Horne FRSE (1881-1953) innleadair agus ùghdar
  • Jean Redpath MBE (1937–2014) seinneadair traidiseanta Albannach, neach-foghlaim agus ceòladair

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 18mh dhen Ghearran 2017.
  2. Alba le Roy Pedersen.
  3. Leven/Inbhir Lìobhann”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Lùnasdal 2019.
  4. Levenmouth rail link to reopen in £70m project”, BBC News. 8mh dhen Lùnasdal 2019. Air a thogail 14mh dhen Lùnasdal 2019.