Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn)
Rugadh Iain MacIllEathain ann am Baile Mhàrtainn, Tiriodh, ann an 1827. Cha d' fhuair e foghlam foirmeil, ach dh'ionnsaich e leughadh agus sgrìobhadh, sa Bheurla agus sa Ghàidhlig, bhon mhinistear anns an eilean. 'S e duine gasta eirmseach a bh' ann an Iain, agus bha fèill mhòr aig a' choimhearsnachd air na h-òrain a rinn e mu thachartasan ionadail, a leithid an t-sreatha de dh'òrain èibhinn agus spòrsail mu na h-euchdan a rinn Calum 'Beag' MacArtair.
Rinn e dàin de dh'iomadh seòrsa - nam measg òrain gaoil agus aoirean.
Bha Iain MacIllEathain an sàs cuideachd ann an Strì an Fhearainn.
'S ann ann am Baile Mhàrtainn a bha e a' fuireach fad a bheatha, agus cha do phòs e a-riamh. Chaochail e, fhathast ann am Baile Mhàrtainn, ann an 1895.
Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- 'An Introduction to Gaelic Poetry', le Ruaraidh MacThòmais (Dùn Èideann, 1990)
- 'The Companion to Gaelic Scotland', deasaichte le Ruaraidh MacThòmais (Glaschu, 1994)
- 'Tiree Bards and Their Bardachd', E. Cregeen et al. (Inverness: John G. Eccles Printers Ltd., 1978).
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Bliadhna nan Òran [1]